Ceannardan a-muigh ag iomairt

  • Air fhoillseachadh
BrataicheanTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Tha fichead là ri dhol chun an referendum.

Bidh ceannardan nan diofar phàrtaidhean poileataigeach a' leanntain le an iomairt a dh'ionnsaigh an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba Dihaoine, agus iad gu bhith a' coinneachadh ri daoine air feadh na dùthcha.

Tha am Prìomhaire a' leanntain le a thuras a dh'Alba agus e ag iarraidh air daoine an t-Aonadh a dhìon.

Tha seo gu bhith a' tachairt 's am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, gu bhith a' bruidhinn air cùram cloinne leasaichte agus ceannard nan Làbarach Johann NicLaomainn a' bruidhinn ri luchd-taic nan Làbarach ann an Sruighlea.

'S ann an Dùn Èideann a bhios Mgr Salmond ag iomairt, far am bi e a' mìneachadh a' phoileasaidh a thaobh cùraim chloinne - a chaidh a shoilleireachadh anns a' Phàipear Gheal a dh'fhoillsich an Riaghaltas Albannach mu neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Dùthchannan as soirbhicheile

Tha am poileasaidh ag amas air taic a thoirt do phàrantan tilleadh a dh'obair às dèidh pàiste a bhith aca, gu sònraichte màthraichean.

Tha an SNP ag ràdh gun urrainn dhaibh ann an Alba neo-eisimeileach na cìsean a gheibh iad bho mhàthraichean a th' air tilleadh a dh'obair a chleachdadh gus barrachd chùraim chloinne a thabhainn do phàrantan.

Canaidh Mgr Salmond gun sàbhail am poileasaidh sin mu £5,000 gach bliadhna do theaghlaichean na h-Alba nuair a thèid a chur an gnìomh.

Anns a' Phàipear Gheal, tha an Riaghaltas air a ràdh gur e sin an dòigh a th' aig na dùthchannan as soirbheachaile, a bhios a' dèanamh cinnteach gun tèid goireasan a chleachdadh gu h-èifeachdach, le cothrom na Fèinne don a h-uile duine cùram cloinne nas saoire fhaighinn.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil e na amas aca gum bi cothrom air 1,140 uair de thìde de chùram cloinne bho aon bhliadhna de dh'aois gus an tèid iad dhan bhun-sgoil.

Ceartas sòisealta

Tha ceannard nan Làbarach an Alba, Johann NicLaomainn, air a ràdh roimhe ge-tà, gum faodadh an SNP a bhith air am poileasaidh sin a chur an gnìomh an-dràsta fhèin nan togradh iad a dhèanamh.

Thuirt i gur e "con" a th' anns a' ghealltanas a rinn an SNP.

Ag iomairt ann an Sruighlea Dihaoine, bidh a' Bh.Ph. NicLaomainn a' coinneachadh ri luchd-taic a' phàrtaidh anns a' bhaile, agus feadhainn a tha a' dol a bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd anns an referendum.

Mìnichidh i dhaibh carson a bu chòir do luchd-taic nan Làbarach bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd, agus carson a tha Alba a' crochadh orrasan gus Alba a chumail taobh a-staigh an Aonaidh.

Bidh i a' comharrachadh gu bheil 20 là a-niste air fhàgail chun an referendum, agus i a' tadhail air an Raplach, tè de na sgìrean as bochda ann an Sruighlea.

Bruidhnidh i air ceartas sòisealta, agus canaidh i ri muinntir an Raplaich gur ann le a bhith a' fuireach taobh a-staigh an Aonaidh as urrainnear ceartas sòisealta a ghealltainn, le a bhith ag obair còmhla anns an ùine a tha romhainn.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh