Camshron: Thig tuilleadh chumhachdan 'a dh'aithghearr'

Daibhidh Camshron Image copyright AP
Image caption Thuirt am Prìomhaire gur e bhòt airson fuireach san RA an "roghainn cheart" do ghnìomhachasan na h-Alba, agus don t-sluagh.

Thigeadh tuilleadh chumhachdan gu Holyrood "a dh'aithghearr" ma thèid bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd, a rèir Dhaibhidh Chamshroin.

Thuirt Mgr Camshron gun leigeadh tuilleadh fèin-riaghlaidh le BPA "barrachd cho-dhùnaidhean a dhèanamh airson fàs agus obraichean a bhrosnachadh".

Thuirt am Prìomhaire gur e bhòt airson fuireach san RA an "roghainn cheart" do ghnìomhachasan na h-Alba, agus don t-sluagh.

Thug Prìomh Mhinistear na h-Alba dùbhlan do Mhgr Camshron aon chumhachd ùr ainmeachadh a dheadh a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba ma bhòtas an sluagh an aghaidh neo-eisimeileachd agus a leigeadh leotha obraichean a chruthachadh.

Rinn Mgr Camshron òraid do cheannardan gnothachais aig dinnear bhliadhnail an CBI ann an Glaschu oidhche Ardaoin, 's iomairt an referendum sna seachdainean mu dheireadh.

Chaidh faighneachd do Mhgr Camshron an gealladh e tuilleadh chumhachdan nan deadh neo-eisimeileachd a dhiùltadh agus, nan gealladh, cuin.

Fhreagair am Prìomhaire: "'S e ghealladh, agus gu h-aithghearr, am freagairt goirid airson sin."

Ann am freagairt do Mhgr Salmond, thuirt Mgr Camshron gun robh an cumhachd mar-thà aig Pàrlamaid na h-Alba tuilleadh obraichean a chruthachadh agus gun toireadh an tuilleadh "fèin-riaghlaidh fhiosgail" a tha san amharc aig na Tòraidhean cothrom do Holyrood "barrachd cho-dhùnaidhean a dhèanamh airson fàs agus obraichean a bhrosnachadh ann an Alba".

Anns an Ògmhios, mhol na Tòraidhean gum bu chòir tuilleadh smachd a bhith aig BPA air a' chìs luach-leasaichte, a' chìs chosnaidh agus sochairean.

'Roghainn cheart'

Thuirt Mgr Camshron: "'S e an roghainn cheart do ghnìomhachas, an roghainn cheart do dh'eaconamaidh na h-Alba agus an roghainn cheart do shluagh na h-Alba fuireach taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte.

"Tha e a' toirt cothrom do ghnìomhachas Albannach a bhith a' malairt air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus sa mhargaidh shingilte Eòrpaich.

"Tha e a' toirt dhut meudachd gus diofar a dhèanamh air feadh an t-saoghail.

"Ach tha a' chinnt agad cuideachd, am fios gum bi thu a' cumail an Not mar do chuid airgid, tha thu a' cumail do chuid mhargaidhean fosgailte, tha thu a' cumail do chothroman gnìomhachais mar a tha iad an-diugh."

Thuirt e cuideachd: "'S e tè den iomadh ceist nach eil Ailig Salmond air a bhith comasach a fhreagairt, dè an suidheachadh anns am biodh Alba nam bhòtadh daoine airson sgaradh.

"Chan eil fios aig muinntir na h-Alba dè an t-airgead a bhiodh iad a' cleachdadh, chan eil fios aca dè cho fada 's a bhiodh aca ri feitheamh airson faighinn air ais dhan Aonadh Eòrpach, chan eil fios aca dè an suidheachadh anns am biodh iad a thaobh chrìochan, a thaobh chìsean agus a h-uile càil eile."

Na òraid dhan CBI, thuirt Mgr Camshron: "Bidh Alba a' dèanamh a dhà uimhir de mhalairt ris a' chòrr den RA 's a bhios i a' dèanamh ris a' chòrr den t-saoghal gu lèir - malairt a tha a' cumail taic ri millean cosnadh Albannach.

Thuirt e cuideachd: "Chan ann gun adhbhar a tha seo a' tachairt. Tha e a' tachairt ri linn chomasan muinntir na h-Alba, agus na cothroman a tha a' tighinn an lùib a bhith mar phàirt de rudeigin nas motha.

"Margaidh mhòr aig an taigh, le taic bho airgead choitcheann, cìsean coitcheann, riaghailtean coitcheann, gun chrìochan, gun chosgaisean thar-crìche, gun casg air gluasad bathair, airgid no daoine. 'S e a th' againn dha-rìribh, eaconamaidh nan cothroman."

"Roghainn shoilleir"

Aig a' cheart àm, tha Ailig Salmond air mìneachadh a dhèanamh air sia cumhachdan a bhiodh aig a' Phàrlamaid Albannaich fo neo-eisimeileachd, a leigeadh leatha obraichean a chruthachadh san dùthaich.

  • Smachd air siostam cìse gnìomhachais
  • Smachd air cùisean ionmhais
  • Smachd air Cìs an Luchd-siubhail Adhair
  • Smachd air poileasaidh fastaidh
  • Smachd air poileasaidh mhalairt
  • Smachd air poileasaidh in-imreachd

Anns an deasbad telebhisein eadar am Prìomh Mhinistear agus ceannard Nas Fheàrr Còmhla Alasdair Darling, a chaidh a chraoladh air a' BhBC, dh'iarr Mgr Salmond air Mgr Darling trì cumhachdan ùra gus cosnaidhean a chruthachadh a gheibheadh Holyrood mar phàirt den RA ainmeachadh.

Aig thoiseach air òraid Mhgr Camshron, chuir am Prìomh Mhinistear dùbhlan den aon sheòrsa mu choinneimh a' Phrìomhaire.

Dh'innis Mgr Salmond dhan BhBC: "Tha coltas gun deach Alasdair Darling a phutadh gu aon taobh a-nis - chan fhaod e fiù 's a dhol an sàs ann an còmhradh fòn, chaidh Dùghlas Alexander a chur na àite sa mhadainn an-diugh - tha Daibhidh Camshron fiù 's air a dhol na àite a-nis.

"'S e an trioblaid, cuin a tha Daibhidh Camshron gu bhith treun gu leòr gus dèanamh na tha Alasdair Darling air a dhèanamh, agus 's e sin a dhol an sàs ann an deasbad?"

Riaghailtean

Thug Coimisean an Taghaidh rabhadh don CBI gun cumar sùil air a' cho-labhairt aca, feuch nach bris iad na riaghailtean a thaobh cosgais fhad 's a tha iomairt an referendum a' dol.

Bhreithnich an Coimisean gur e obair iomairt a th' anns an dinnear, seach gu bheil dùil gun cuir am Prìomhaire dìon air an Aonadh na òraid.

Chaidh a dhearbhadh don Choimisean nach cosg an tachartas nas motha na £10,000, agus ri linn sin chan fheum iad clàradh mar bhuidhinn-iomairt oifigeil fo na riaghailtean cosgais.

Na bu tràithe den bhliadhna, chlàr an CBI mar bhuidhinn-iomairt oifigeil air taobh Nas Fheàrr Còmhla, ach chuir iad às den bhallrachd sin an dèidh do grunn bhall an cuid ballrachd a tharraing ri linn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile