Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Chuir Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, plana airson cùram chloinne aig meadhan na h-argamaid an-diugh airson neo-eisimeileachd do dh'Alba. Thuirt Mgr Salmond gum faodadh sin £5,000 sa bhliadhna a shàbhaladh do theaghlaichean. Ach thuirt Daibhidh Camshron, air an dàrna là de a thuras a dh'Alba, gu bheil cumhachd an-dràsta fhèin aig Riaghltas na h-Alba cùram chloinne a leasachadh agus gur fhada bho dh'fhaodadh iad a bhith air sin a dhèanamh.

Siria

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gu bheil suidheachadh nam fògarrach leis a' chogadh ann an Siria cho dona 's a bh' ann a-riamh. Tha an UN ag ràdh gu bheil trì millean Sirianach air teicheadh às an dùthaich agus gu bheil sia gu leth millean eile air an dachaigh fhàgail anns an dùthaich.

Ugràin

Tha an Ceann-Suidhe Obama a' fàgail air an Ruis gur i as coireach ris an fhòirneart air taobh sear na h-Ugràin. Ann an aithris bhon Taigh Gheal, thuirt Mgr Obama gun tug Moscow trèanadh, armachd agus airgead dha na reubaltaich a tha a' sabaid an aghaidh feachdan Riaghaltas na h-Ugràin. Tha an Kremlin a' dol às àicheadh sin.

Tesco

Thuit luach nan earrainnean ann an Tesco, an t-sreath bhùithtean as motha ann am Breatainn, dhan ìre as lugha ann an 11 bliadhna, an dèidh ìsleachadh mòr air a' phrothaid a tha iad a' cur romhpa airson na bliadhna. Thèid trì-chairteal den luach a ghearradh far torradh na tha luchd-earrainn na companaidh a' faighinn air ais.

Hampshire

Tha poilis ann an Hampshire a' coimhead airson gille beag, còig bliadhna de dh'aois, air a bheil tumour eanchainn, an dèidh dha phàrantan a thoirt às an ospadal ann an Southampton an-dè gun chead dotair. Thuirt na poilis gun deach Ashya King a thoirt dhan Fhraing air aiseag à Portsmouth feasgar an-dè.

Tram

Bhuail bus agus aon de na tramaichean air siostam ùr Dhùn Èideann na chèile goirid an dèidh 8.00m an-diugh. Cha deach duine a ghoirteachadh anns an tachartas air Sràid West Maitland.