Mì-chinnt mun Roinn Eòrpa millteach do dh'Alba
- Air fhoillseachadh

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba a' cumail a-mach gu bheil a' mhì-chinnt aig Westminster mu bhallrachd na Rìoghachd Aonaichte san Aonadh Eòrpach "uabhasach millteach" do dh'Alba.
Thuirt Ailig Salmond gum faodadh Alba a bhith air "a slaodadh a-mach às an Aonadh Eòrpach" an aghaidh a toil nan tachradh referendum a-mach/a-steach 2017.
Diardaoin, thug stiùiriche an CBI, Sir Mìcheal Rake, rabhadh gun robh gnìomhachasan air feadh na Rìoghachd Aonaichte iomagaineach mu referendum an AE.
Ach thuirt am Prìomhaire Daibhidh Camshron gun robh e "cudromach aghaidh a chur ri na cùisean mòra".
Gheall Mgr Camshron gun deadh referendum air àite na Rìoghachd Aonaichte san Aonadh Eòrpach a chumail nan glèidheadh na Tòraidhean an ath thaghadh choitcheann.
Tha grunn bhuill air na beingean-cùil a' call misneachd ann am planaichean a' Phrìomhaire ge-tà, le aon fhear - Dùghlas Carswell - a' foillseachadh Diardaoin gun robh e a' fàgail airson a bhith na bhall de UKIP.
'Càirdeis cuideachail'
Tha Mgr Salmond air a ràdh nach eil esan den bheachd gu bheil "miann sam bith" ann an Alba cùl a chur ris an Aonadh Eòrpach.
Thuirt e cuideachd: "Tha mise den bheachd, air a chaochladh, gu bheil a' mhì-chinnt a tha sinn a' faicinn ann an Westminster mun bhallrachd san AE uabhasach millteach do dh'Alba, agus gum faodadh iad a bhith nas milltiche buileach nan deadh ar slaodadh a-mach às an Aonadh Eòrpach.
"Tha mise den bheachd gum bu chòir dhuinn leantainn oirnn a' togail chàirdeasan cuideachail leis a' chòrr de ar companaich thar na Roinn Eòrpa."
Tha Riaghaltas na h-Alba airson 's gum fuiricheadh Alba san Aonadh Eòrpach ma bhòtas daoine airson neo-eisimeileachd agus, ged a biodh còmhraidhean a dhìth, thathar a' cumail a-mach gun gabhadh sin a dhèanamh sna 18 mìosan eadar an referendum agus neo-eisimeileachd fhèin anns a' Mhàirt 2016.
Tha luchd-taic an Aonaidh a' cumail a-mach gum feumadh Alba tagradh a dhèanamh bho thaobh a-muigh an Aonaidh, mar dhùthchannan leithid na Tuirc, Innis Tìle agus Serbia.
Thuirt Mgr Salmond gu bheil referendum na h-ath-mhìos air neo-eisimeileachd na h-Alba gu tur diofraichte bhon referendum air ballrachd san Aonadh Eòrpach a chaidh a ghealltainn leis a' Phrìomhaire.
Thuirt e: "Anns an fharsaingeachd, agus chan eil mi ag ràdh gur e lagh uile-choitcheann a tha seo, bidh thu a' cumail referendum ma tha thu a' sireadh bheachdan dhaoine mu rud a tha thu airson a dhèanamh.
"Cha bhi thu gu h-àbhaisteach a' cumail referendum airson rud a tha thu airson a sheachnadh. 'S e sin an suidheachadh amaideach anns a bheil Daibhidh Camshron a-nis.
"Thathas a' deasbad ann an Alba, leis nach eil annainn ach 8% de shluagh na RA, nach bu chòir dhuinn ar cur fhèin dhan t-suidheachadh far am faodar a bhith air ar slaodadh a-mach às an Aonadh Eòrpach an aghaidh ar miann, an aghaidh ar toil, agus dh'fhaodadh gur e sin an suidheachadh anns am biodh sinn ma tha sinn cho gòrach 's gum bhòt sinn an aghaidh neo-eisimeileachd."
Cùnradh an AE
A rèir Riaghaltas na h-Alba, dh'fhaodar ballrachd a ghabhail bho thaobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich tro Earrann 48 de Chùnradh an AE.
Tha luchd-taic an Aonaidh a' cumail a-mach ge-tà gur e an aon roghainn a bhiodh aig Alba neo-eisimeileach, ballrachd iarraidh mar dhùthaich ùr tro Earrann 49.
Bha Mgr Salmond a' bruidhinn an dèidh do stiùiriche an CBI, Sir Mìcheal Rake, slaic a thoirt air a' "mhì-chinnt" a tha ga adhbharachadh le moladh nan Tòraidhean referendum a chumail air àite na Rìoghachd Aonaichte san AE ann an 2017, 's e a' bruidhinn aig dinnear bhliadhnail na buidhne ann an Glaschu, aig an robh am Prìomhaire an làthair.
Dh'innis Mgr Rake do na bha an làthair aig dinnear bhliadhnail an CBI gun robh referendum an AE, a thuilleadh air tachartasan mòra eile leithid an referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba ann an trì seachdainean agus taghadh choitcheann na h-ath-bhliadhna, "ag adhbharachadh an cuid fhèin de mhì-chinnt".
Thuirt e cuideachd: "Tha sinn a' gabhail ris gur e cùis bhun-reachdail dhan riaghaltas a th' ann a bhith a' gairm referendum mu bhallrachd san AE, ach tha a' mhì-chinnt mar-thà na cùis iomagain do ghnìomhachasan a thaobh am planaichean seilbhe san àm ri teachd."
Chaidh Mgr Camshron às àicheadh gu bheil a ro-innleachd "na ana-chothrom do Bhreatainn a thaobh airgead-seilbh".
Dh'innis e do na ceannardan gnothachais: "Nach eil fhios gu bheil mi airson cùl a chur ris a' mhì-chinnt, co-dhiù an ann mu dheidhinn àm ri teachd na RA no mu àm ri teachd na RA taobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich.
"Tha ro-innleachd agam mu bhith a' faighinn nan atharrachaidhean a tha a dhìth oirnn, agus an uair sin a bhith a' cumail referendum anns a bheil mi den bheachd a bu chòir Breatainn fuireach taobh a-staigh Aonaidh Eòrpaich leasaichte - tha mise den bheachd gur e sin am freagairt cheart."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An Giblean 2014
- Air fhoillseachadh28 An t-Samhain 2013