Lìog Tuath 1 dha na Sgitheanaich

Caman
Image caption 'S e deireadh-sheachdain soirbheachail a bh' ann do Chaol Bhòid, na Sgitheanaich agus Baile a' Chaolais.

Bhuannaich Camanachd an Eilein Sgitheanaich Lìog Tuath 1 aig an deireadh-sheachdain, 's iad a' gleidheadh àite ann an geama dearbhaidh airson àite san Lìog Nàiseanta.

'S e là mòr a bh' ann air feadh na Gàidhealtachd, le Baile a' Chaolais cuideachd a' gleidheadh àite sa gheama dearbhaidh sin agus Caol Bhòid a' togail Chupa an t-Sutharlanaich.

Mar a bha dùil, bha na Sgitheanaich cus ro mhath dhan dàrna sgioba aig Gleann Urchadain ann am Port Rìgh.

Bha iad air thoiseach 2-0 aig leth-ùine, na tadhail a' tighinn bho Choinneach MacLeòid (37) agus Ali MacLeòid (44).

Thàinig dà thadhal luath an uair sin bho Will Cowie (68) agus Jordan MacCalmain (69).

4-0 air a' cheann thall agus Gleann Urchadain taingeil dhan fhear-ghleidhidh aca airson an gnothach a chumail aig an sin.

Tiotal

Tha na Sgitheanaich a-nis air na 11 geamaichean lìge aca a bhuannachadh, 's iad cinnteach air an tiotal le 3 geamaichean fhathast ri chluich.

Feumaidh iad a-nise an geama dearbhaidh sin a chluich airson àite san Lìog Nàiseanta agus 's ann an aghaidh Bhaile a' Chaolais a bhios iad, às dèidh do bhalaich an sglèata Lìog Deas 1 a bhuannachadh aig an deireadh-sheachdain.

Rinn iad an gnothach 3-0 air Srath Chura Disathairne, a' fàgail nach gabhadh an glacadh aig mullach na lìge.

Ged nach deach aontachadh gu h-oifigeil fhathast, tha coltas ann, aig an ìre seo, gur ann air an 27mh den mhìos seo a thèid an geama dearbhaidh a chluich.

Chluich na sgiobaidhean mar-thà air an t-seusan seo agus na Sgitheanaich a' buannachadh 3-2 ann an ùine a bharrachd sa chuairt dheireannaich de Chupa a' Bhaile Mhòir.

Bha ùine a bharrachd a dhìth air Caol Bhòid Disathairne gus an gnothach a dhèanamh air a' Ghearasdan ann an Cuairt Dheireannach Chupa an t-Sutharlanaich.

Anmoch

Bha sgioba Thaigh na Bruaich air thoiseach anmoch sa gheama, ach thug tadhal bhon Ghearasdan an geama gu leth uair a bharrachd.

Chuir na deasaich 3 tadhail an uair sin bho Mhata MacColla, Gòrdan MacIlleBhàin is Scott Dòmhnallach, 's ged a chur iad an uair sin tadhal dhan lìon aca fhèin anns na mionaidean mu dheireadh, shoirbhich iad 4-2 air a' cheann thall.

Dòchas dhaibh fhèin agus dhan Ghearasdan gu bheul cluicheadaran òga matha a' tighinn air adhart.

Bha a' chiad sgioba aig a' Ghearasdan cuideachd a' cluich Disathairne, 's thug iad droinneadh 8-0 air Gleann Urchaidh san Lìog Nàiseanta.

Bhuannaich Camanachd an Òbain an geama acasan an aghaidh na Manachainn 6-3 agusthèid an lìog a rèiteach a-nise air an 27mh den t-Sultain, nuair a chluicheas sgiobaidhean an Òbain agus a' Ghearasdain an aghaidh a chèile aig Pàirc Mossfield.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile