Ailig Salmond
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Eas-aonta mu phoileasaidh in-imrich

1 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha in-imrich fon phrosbaig san deasbad mu neo-eisimeileachd Didòmhnaich, le Prìomh Mhinistear na h-Alba a' freagairt cheistean mu na poileasaidhean a tha esan a' moladh ma bhotas sinn airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail.

Tha Riaghaltas na h-Alba airson siostam phuingean a thoirt a-staigh airson in-imrichean sgileil a thàladh dhan dùthaich, ach thuirt na Lib-Deamaich, a tha a' cur taic ris an Rìoghachd Aonaichte, gur e fuireach anns an Aonadh an dòigh as fheàrr air adhart.

Tha Darren Linc ag aithris.