Ionnsaigh coin an Inbhir Nis

Tha fireannach air a bhith a' faighinn cùram anns an ospadal an dèidh dhan chù aige fhèin ionnsaigh a thoirt air ann an Inbhir Nis.

Thachair an ionnsaigh mu 12.00 feasgar na Sàbaid air Slighe Shir Bhatair Scott, agus thàinig air na poilis an t-àite a ghearradh dheth airson 30 mionaid.

Chuir lighiche-spèidh am beathach sìos aig an làraich.

Tha dùil gur e measgsachadh de Staffordshire Bull Terrier agus American Bulldog a bh' ann.

Chaidh am fireannach, a tha 51 bliadhna a dh'aois, a thoirt dhan ospadal is a ghàirdean air a leòn.

Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an ionnsaigh fios a chur thuca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile