Tubaist mhairbhteach air an A9

Cha do dh'ainmich na poilis fhathast an duine a bhàsaich ann an tubaist air an A9 aig an deireadh-sheachdain.

Thachair an tubaist le aon charbad aig Druim Uachdair, trì mìle deas air Dail Chuinnidh, mu 0600 Là na Sàbaid.

Tha dùil gun dh'fhàg càr an fhireannaich an rathad agus gun deach e sìos bruach mus do stad e ann an dìg.

Cha robh duine eile anns a' chàr.

Bha an rathad dùinte airson grunnan uairean a thìde agus chaidh maill mhòr a chur air luchd-siubhail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile