Bàs an Dòrnach
- Published
Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh an dèidh do dh'fhireannach 59 bliadhna a dh'aois bàsachadh ann an Cataibh.
Thuit an duine air Poles Road ann an Dòrnach Oidhche Shathairne, agus ged a dh'fheuch daoine a bha timcheall agus an uair sin luchd-eiridinn ri cobhair a dhèanamh air, bhàsaich e.
Chaidh a ràdh gum buineadh e dhan àite.
Cha tèid am fireannach ainmeachadh gus am faigh na poilis air fios a chur gu theaghlach.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh