Eas-aonta mu phoileasaidh in-imrich

  • Air fhoillseachadh
SoidhneTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Tha ceannardan nam pàrtaidhean air seallaidhean diofraichte a chur air adhart a thaobh poileasaidh in-imrich na h-Alba san àm ri teachd.

Tha ceannardan nam pàrtaidhean air seallaidhean diofraichte a chur air adhart a thaobh poileasaidh in-imrich na h-Alba san àm ri teachd, air thoiseach air an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba.

Thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, gun robh esan ag iarraidh poileasaidh a thàlaidheadh in-imrichean sgileil a-steach agus a chumadh Albannaich san dùthaich.

Thog ceannard nan Libearalach Deamocratach, Uilleam Rennie, draghan mun Sgìre Siubhail Choitchinn.

Tha Riaghaltas na h-Alba an dùil leantainn orra le ballrachd san sgìre siubhail, taobh a-staigh na RA, anns nach fheumar cead-siubhail.

Tha luchd-dùbhlain a' cumail a-mach ge-tà, gum feumadh Alba neo-eisimeileach poileasaidh in-imrich coltach ris an RA a leantainn, nam bithear airson fuireach san Sgìre Siubhail Choitchinn.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air gealltainn gun tèid àireamhan in-imrich a lùghdachadh gu nas lugha na 100,000.

Anns a' Phàipear Gheal air neo-eisimeileachd na h-Alba, thuirt Riaghaltas na h-Alba nach robhar an dùil gum fàsadh an àireamh de luchd-obrach ann an Alba cho luath ris an RA air fad.

Chaidh a ràdh san aithisg: "Tha feumalachdan Alba a thaobh àireamh-sluaigh diofraichte bhon chòrr den RA, agus tha feallsanachd soilleir eaconamach aig Alba airson ar n-àireamh-sluaigh àrdachadh - gu sònraichte, ar sluagh-obrach."

'Cothroman'

Ma bhòtas Alba airson neo-eisimeileachd san referendum air an 18mh là den t-Sultain, tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh siostam phuingean a thoirt a-staigh gus in-imrichean sgileil a thàladh, a thuilleadh air bhìosathan obrach do dh'oileanaich bho thall-thairis.

Dh'innis Mgr Salmond dhan BhBC gun robh Riaghaltas na h-Alba, nam planaichean gus an àireamh-sluaigh fhàs, an dùil Albannaich, a th' aig an ìre seo a' gluasad gu diofar cheàrnaidhean den RA no thall-thairis, a ghlèidheadh.

"Tha 30,000 duine òg a' fàgail Alba gach bliadhna, mòran dhiubh, tha fios, a th' airson an saoghal fhaicinn, ach mòran eile a dh'fheumas falbh gus cothroman obrach a shireadh," thuirt e.

"Tha an àireamh a thaobh imrich iomlain a' gabhail a-steach nan cothroman obrach a bhios ri fhaotainn dhan 30,000 seo, nach eil sinn idir airson a chall, a thuilleadh air a bhith ag ràdh: 's e rud math a th' ann gu bheil daoine sgileil agus comasach airson a thighinn a dh'fhuireach agus a chur ri ar dùthaich.

"Ach tha an diofar eadar imrich iomlan agus in-imrich air leth cudromach."

Thuirt e nach cuireadh am poileasaidh a chaidh a mholadh le Riaghaltas na h-Alba bacadh air Alba neo-eisimeileach a bhith na pàirt den Sgìre Siubhail Choitchinn, ag ràdh gun robh poileasaidhean in-imrich Phoblachd na h-Èireann agus Eilean Mhanainn diofraichte ris an RA aig an ìre seo.

'Glè choltach'

Thuirt Mgr Rennie: "Dh'fhaodadh gun tigeadh daoine a dh'Alba, le dòigh-obrach nas libearalaiche ris nach cuirinn an aghaidh, 's gun siubhladh iad gu deas airson obair.

"Shaoileadh tu cuideachd gur dòcha gum biodh an còrr den Rìoghachd Aonaichte airson poileasaidh in-imrich diofraichte a bhith aca".

Thuirt e gun robh poileasaidhean in-imrich Phoblachd na h-Èireann agus Eilean Mhanainn "glè choltach" ris an RA, "air neo bhiodh e air a bhith na thrioblaid".

Mar phàirt den RA, thuirt e, "tha guailnean farsaing eaconamach againn, le sluagh-obrach a tha comasach taic a chur ris an t-sluagh a tha a' fàs sean".

Ao-choltach ris an sin, thuirt e gur e "planaichean neo-leantailteach a dh'adhbharaicheadh mì-riaghailt" a bh' aig Mgr Salmond.

Sheall figearan a dh'fhoillsich Oifis na Staitistig Nàiseanta o chionn ghoirid gu bheil àireamhan imrich iomlan dhan RA air a dhol suas còrr is 38% gu 243,000 ann an 2013-14, ged a tha Riaghaltas na RA a' cumail a-mach gun gabhadh an cuid targaid a choileanadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh