Seanalair a' càineadh poileasaidh dìon Alba

An Seanalair Sir Richard Shirreff Image copyright Nato
Image caption Bha an Seanalair Sir Richard Shirreff roimhe na Leas-Àrd-Chomanndair aig NATO san Roinn Eòrpa.

Chan eil ann am poileasaidhean dìon an Riaghaltais Albannaich, mar a tha iad a' nochdadh sa Phàipear Gheal, ach poileasaidhean "amataireach" agus "cunnartach" a rèir seann chomanndair le NATO.

Thuirt an Seanalair Sir Richard Shirreff, a bha roimhe na Leas-Àrd-Chomanndair aig NATO san Roinn Eòrpa, cuideachd nach robh cinnt sam bith ann gun gabhadh NATO ri Alba neo-eisimeileach mar bhall.

Thuirt ceannard nan Tòraidhean an Alba, Rut Davidson, nach do rinn an SNP "a' chùis" a thaobh dìon.

Ach thuirt an SNP gun robh poileasaidh dìon "cunnartach" niuclasach aig an RA.

Ann an litir a sgrìobh e gu pàipearan-naidheachd na Sàbaid, thuirt Sir Richard: "Mar shaighdear proifeasanta agus eòlach, chan eil dad a chunnaic mi no a chuala mi a' dearbhadh dhomh gum biodh sàbhailteachd no tèarainteachd na h-Alba air a leasachadh nam biodh i na dùthaich fa-leth.

"An dearbh-chaochladh, an dèidh dhomh sùil gheur a thoirt air Pàipear Geal an Riaghaltais Albannaich, leamsa tha na molaidhean amataireach, neo-phractaigeach, agus gun amas straiteiseach soilleir sam bith.

"Chan eil iomradh sam bith air itealaich mhara, (ged is e feachd gu mòr stèidhichte air cabhlach a bhiodh a dhìth air Alba), chan eil iomradh air comasan ath-chonnachaidh san adhair, chan eil iomradh air teasairginn beinne, no air comas siridh 's cobhair.

"Tha molaidhean a' Phàipeir Ghil cunnartach, agus dh'fhàgadh iad Alba, an RA agus NATO air an lagachadh, ga dhèanamh nas duilghe dhaibh dèiligeadh ri cunnartan an-diugh 's a-màireach."

Ballrachd NATO

Tha Pàipear Geal an Riaghaltais Albannaich air neo-eisimeileachd a' moladh buidseat dìon de £2.5bn do dh'Alba neo-eisimeileach, "patròl stèidhichte san adhair agus aig muir" le 15,000 saighdearan cunbhalach, agus 5,000 saighdearan neo-chunbhalach taobh a-staigh 10 bliadhna.

Tha an SNP airson armachd niuclasach a chur a-mach às Alba taobh a-staigh ceithir bliadhna an dèidh neo-eisimeileachd.

Chuir am pàrtaidh cùl ri bhith an aghaidh ballrachd ann an NATO ann an 2012, agus tha iad ag ràdh gum faod Alba gluasad air adhart gu bhith na ball neo-eisimeileach den bhuidhinn.

Sgrìobh Sir Richard: "'S e buidheann le armachd niuclasach a th' ann an NATO, agus feumaidh gach ball gabhail ris a' phrionnsabal de bhagart niuclasach, agus a bhith mar phàirt de shiostam comannd is stiùiridh niuclasaich NATO.

"Fhad 's a ghabhas an SNP ris a' phrionnsabal de bhagart niuclasach, chan eil e soilleir mar a ghabhas buill eile NATO ris a' bhuaireadh a dh'adhbharaicheadh a bhith a' gluasad a' chabhlaich aigeann a-mach à uisgeachan na h-Alba do cho-chrochadh dìon NATO."

A' bruidhinn às leth na buidhne Nas Fheàrr Còmhla, thuirt Ms Davidson: "'S e bun-dhleastanas riaghaltais a bhith a' dìon an nàisein. Air an fhianais seo, cha do rinn an SNP a' chùis.

"Tha an Seanalair Shirreff ga dhèanamh soilleir nach eil cinnt sam bith timcheall air ballrachd Alba neo-eisimeilich ann an NATO.

"Nas miosa, tha e a' co-dhùnadh gu bheil planaichean an SNP airson Alba a dhìon "amataireach agus neo-phractaigeach".

"'S e slaighdeadh a th' ann air proifeasantachd ar cuid luchd-airm an sealladh seo a bhith air am beulaibh."

Thuirt labhraiche dìon an SNP, Aonghas Robasdan: "'S e poileasaidh dìon cunnartach agus amataireach a chuireadh saighdearan ri cogadh mì-laghail gun uidheamachd cheart, fhad 's a nì e caitheamh nam billeanan not air armachd niuclasach Trident nach gabh cleachdadh gu bràth.

"Sin an RA."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile