Marina Uibhist a Tuath air fosgladh

Iachtaichean an Loch nan Madadh Image copyright Greg Morrs / Geograph
Image caption Thathas an dòchas gun tig tòrr a bharrachd iachtaichean gu Loch nam Madach ri linn an leasachaidh.

Chaidh marina ùr Loch nam Madadh fhosgladh gu h-oifigeil Dimàirt.

Tha àite ann an leasachadh na buidhne Comann na Mara airson 26 iacht is tha goireasan ann cuideachd do bhàtaichean mòra luchd-turais.

Thàinig a' phròiseict gu buil tro aonta eadar Comann na Mara is Oighreachd a' Chrùin, a chuir taic-airgid ris a' phròiseict.

A rèir Chomann na Mara, bha cruaidh fheum air goireasan mar seo.

"Tha iachtaichean air a bhith a' tighinn a-staigh a Loch nam Madadh a-riamh ach 's ann a tha sinn a' coimhead air a dhèanamh nas sàbhailte is nas chomhurtaile dhan fheadhainn a tha a' tighinn a-staigh, agus tòrr a bharrachd a tharraing a-staigh cuideachd", thuirt Dòmhnall MacIlleathain a tha na bhall den chomann.

"Na iachtaichean a bha a' tighinn a-staigh roimhe, dh'fheumadh iad a bhith a' ceangal ris na moorings a bh' aig a' Chomhairle a-muigh sa bhàgh no a' cur a-mach an acair aca fhèin is bha tòrr aca nach tigeadh air tìr idir, cha robh iad ach ag acrachadh 'son na h-oidhche 's a' falbh.

"A-nise tha na pontoons ceangailte ri tìr is tha e nas fhasa is nas sàbhailte dhaibh a' faighinn gu tìr.

"Nas fhaide"

"Tha sinn a' faicinn dìreach an treiseag a bha e fosgailte am-bliadhna gu bheil iad a' fuireach nas fhaide cuideachd, tha iad a' fuireach dhà no trì oidhcheanan is mar sin tha iad a' dol dha na bùithdean is dha na taighean-òsta", thuirt e.

Thathas an dòchas gun dèan seòladairean ceangal a-nise eadar na goireasan ùra ann an Loch nam Madadh is marina Steòrnabhaigh, agus cuideachd na goireasan ùra a bhios ann am Loch Baghasdail.

"Feumaidh na trì obrachadh còmhla", thuirt Mgr MacIlleathain.

"Tha iad air pìos mòr a chur ri fear Steòrnabhaigh is tha Loch nam Madadh againn a-nise is Loch Baghasdail an ath-bhliadhna.

"Ged a tha an trì ann tha là seòlaidh eadar an trì aca is ged a bhiodh fear eile anns na Hearadh, dhèanadh e feum cuideachd.

"Bha tòrr de na iachtaichean a bhiodh a' tighinn suas taobh Mhuille is na h-Eileanan Beaga, bha tòrr aca a' ruigheachd Chanaigh ach cha tigeadh iad a-mach an seo oir cha robh fios aca an robh e sàbhailte nuair a ruigeadh iad. Tha sinn an dòchas gun tarraing sinn tòrr a bha a' ruigheachd nan Eileanan Beaga roimhe, gun tig iad a-mach an seo a-nise", thuirt e.

Bha a' Bhana-Phrionnsa Anna ann an Uibhist airson am marina fhosgladh gu h-oifigeil madainn Dimàirt.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile