Ministearan air Eaglais na h-Alba fhàgail
- Published
Dhearbh Eaglais na h-Alba gu bheil dithis mhinistearan eile air an eaglais fhàgail agus iad le chèile a' falbh à coithionalan air Taobh Siar Rois.
Tha an t-Urr. Dàibhidh MacLeòid, a bha os cionn coithionail Loch Carrann, na Comraich agus Thoirbheartain, agus an t-Urr. Ruairidh MacRath, a bha na mhinistear ann an Gleann Eilge agus Cinn t-Sàile, ag iarraidh cead a bhith nam ministearan anns an Eaglais Shaoir.
Thuirt Prionnsabal Eadar-amail Eaglais na h-Alba, Seòras MacIlleBhàin, gu bheil iad daonnan duilich nuair a chuireas ministear roimhe an eaglais fhàgail, ach gu bheil iad a' tuigsinn nach e co-dhùnadh obann a bha seo bhon dithis.
'Taingeil'
"Tha sinn a' guidhe gach soirbheachas dha na ministearan agus tha sinn taingeil 'son taic nan coithionalan, a tha le chèile a' fuireach ann an Eaglais na h-Alba.
"Tha cha-mhòr 800 ministear againn a' frithealadh air faisg air 1,400 coithional. Tha sinn ag obair gu dìcheallach gus ministearan a lorg dha coithionalan a tha bàn, an fheadhainn ann an Taobh Siar na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan an Iar nam measg.
"Tha sinn a' toirt taic dha na coithionalan, a tha a' leantainn le obair na h-eaglaise gach seachdain, gus an tèid ministearan ùra a lorg," thuirt e.