Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Canaidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, an-diugh gun dèanadh neo-eisimeileachd brosnachadh mòr do ghnìomhachas a' bhidhe agus na dibhe ann an Alba air a' mhargaidh eadar-nàiseanta. Bidh Rùnaire nan Làbarach ann an Alba, Mairead Curran, a' cur luach air cho cudromach 's a tha companaidhean san Rìoghachd Aonaichte do chosnadh ann an Alba.

'S e an-diugh an là mu dheireadh airson clàradh airson bhòt anns an referendum an ceann beagan 's cola-deug. Cha bhi cead air bhòtadh aig duine nach eil clàraichte ro mheadhan-oidhche a-nochd.

Iorac

Thuirt Amnesty Eadar-nàiseanta gu bheil dearbhadh às ùr aca gu bheil feachdan na Stàite Ioslamaich ri sgrios-cinnidh ann an ceann a tuath Iorac. Tha na Dùthchannan Aonaichte a-niste a' cur sgioba rannsachaidh dhan sgìre a tha sin.

Corp

Dh'iarr poilis taic an t-sluaigh agus iad a' feuchainn ri dearbhadh fhaighinn air corp boireannaich a fhuaireas ann an Loch Mhùrlaig anns a' Mhonadh Ruadh an-dè. Chan eil fios cò i agus thuirt na poilis nach eil e follaiseach dè thug bàs dhith.

Ministearan

Dh'fhàg dithis mhinistearan eile Eaglais na h-Alba agus iad le chèile a' falbh à coithionalan air Taobh Siar Rois. Tha an t-Urramach Dàibhidh MacLeòid, a bha os cionn coithional Loch Carrann, na Comraich agus Thoirbheartain, agus an t-Urramach Ruairidh MacRath, a bha na mhinistear ann an Gleann Eilge agus Cinn t-Sàile, ag iarraidh cead a bhith nam ministearan anns an Eaglais Shaoir.

Am Posta Rìoghail

Tha an Eaglais Shaor a' gearan air an dòigh sam bi am Posta Rìoghail a' fosgladh 100 de na h-oifisean aca air an t-Sàbaid air feadh Bhreatainn bhon deireadh-sheachdain seo. Thuirt am Posta Rìoghail gum bi e nas fhasa do dhaoine a bhios ag obair an còrr den t-seachdain, agus nach bi aig an dachaigh, parsalain a thogail air an deireadh-sheachdain. Bidh oifisean ann an Obar Dheathain, Dùn Dèagh, Dùn Èideann, Glaschu agus Inbhir Nis am measg na bhios a' fosgladh air an t-Sàbaid. Thuirt an t-Urramach Dàibhidh Robasdan, ministear na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Dèagh, gur e eiseimpleir eile a tha seo de choimearsealtachd gun adhbhar air an t-Sàbaid.

Eilean Boris

Chaidh plana Mèar Lunnainn, Boris Johnson, airson port-adhar ùr ann am Beul Abhainn Thames a dhiùltadh. Thuirt Coimisean nam Port-Adhair gu bheil cosgaisean ro mhòr agus droch bhuaidh air an àrainneachd a' ciallachadh nach fhiach am pròiseict ris an canar 'Boris Island'. Gheall Boris Johnson gun lean esan air adhart leis an sgeama.

Lìonradh

Thèid lìonradh coimpiutair adhartach a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd nas fhàide air a' mhìos. Tha dà chompanaidh ann an gnìomhachas a' chumachd an sàs ann le taic Comhairle na Gàidhealtachd agus Fujitsu. 'S e sgeama pileat ceithir mìosan a tha seo ach tha dòchas ann gum faodadh air a' cheann thall mìltean obraichean tighinn às.

Marina

Tha marina ùr Loch nam Madadh a' fosgladh gu h-oifigeil an-diugh le àite son 26 iacht. Tha dòchas ann gun toir na goireasan ùra togail do dh'eaconomaidh an àite le coltas gun tèid am marina a chleachdadh cuideachd airson aiseag a dhèanamh air luchd-turàis bho shoithichean mòra air acarsaid faisg air làimh.