Triùir far an dreuchd am Malaig
- Published
Dhearbh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gun deach triùir luchd-obrach aig dachaigh chùraim do sheann daoine ann am Malaig a chur far an dreuchd rè ùine ri linn chasaidean de "dhroch chleachdaidhean" aig an ionad.
B' fheudar do NHS na Gàidhealtachd Ionad Mhic an Tòisich a dhùnadh air a' mhìos seo chaidh, nuair a nochd na casaidean.
Chaidh an seachdnar sheann daoine a bha a' fuireach ann a ghluasad dhan Ghearasdan às dèidh dhan Bhòrd Shlàinte gearainean fhaighinn mu mar a bhathas a' dèiligeadh riutha.
Rannsachadh
Chuir an t-ùghdarras triùir luchd-obrach far an dreuchd rè ùine fhad 's a tha rannsachadh aca a' dol.
Thuirt tè-labhairt bhon Bhòrd Shlàinte gu bheil trèanadh a dhìth, agus gum faigh an luchd-obrach uile sin.
Dhearbh i nach fosgail an dachaigh chùraim airson sia seachdainean eile.
Thuirt i cuideachd gu bheil sgrùdadh poilis mun ghnothach a' leantainn.