Deasbad mu neo-eisimeileachd ann an Steòrnabhagh

Talla Baile Steòrnabhaigh
Image caption Bha mu 250 duine an làthair aig an deasbad, leis an t-Urr. Iain D. Caimbeul anns a' chathair.

Chaidh deasbad mu neo-eisimeileachd do dh'Alba a chumail ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh oidhche Luain.

B' e Gaseat Steòrnabhaigh a chuir an deasbad air chois, le Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, air a' phannail cuide ri ceannard nan Làbarach ann an Alba, Johann NicLaomainn.

Bha mu 250 duine an làthair, leis an t-Urr. Iain D. Caimbeul anns a' chathair.

Air a' phannail cuide ri Nicola Sturgeon, bha am BPA Alasdair Allan agus am fear-gnothachais ionadail, Gòrdan MacIllFhinnein.

A' cumail taic ri Johann NicLaomainn, bha Alasdair Moireasdan, a bha roimhe na BPA Làbarach, agus Ruairidh Coineagan, a tha na chunntasair sa bhaile.

Am measg nan cuspairean a nochd ann an deasbad a bha gu math beòthail, bha airgead na h-ola, an t-airgead a chleachdadh Alba neo-eisimeileach, ballrachd san Aonadh Eòrpach, croitearachd, agus a' chosgais a bhiodh an lùib Alba a dhol na dùthaich neo-eisimeilich.

Soirbheachail

Mar a bhiodh dùil, bha gach taobh san deasbad a' cumail a-mach gun do rinn na ceannardan aca fhèin air leth math, agus gun d' fhuair iad am beachdan tarsainn gu soirbheachail.

Thuirt Gòrdan MacIllFhinnein: "A' bruidhinn air beulaibh dhaoine, tha a h-uile duine ag innse an tuigsinn fhèin air a' ghnothach - 's iad na daoine a tha nan suidhe a-muigh ann an sin, 's iad a bhios a' dèanamh an diofair."

Thuirt Mgr MacIllFhinnein gu bheil an deasbad air aire dhaoine a thogail, 's air sàillibh sin, tha esan den bheachd gun tig tòrr a bharrachd dhaoine a-mach a bhòtadh.

"Tha mise a' coimhead, nam obair fhèin, balaich òga ann an sin 's cha robh guth aca gun robh poileataigs air an talamh, 's tha iad a-nis - tha iad cho dona rium fhèin!" thuirt e.

Co-dhùnaidhean

Bha mòran san talla a bha air an inntinn a dhèanamh an-àirde, agus cuid a bh' air bhòtadh mar-thà.

Ach, a thaobh an fheadhainn nach eil air co-dhùnadh deireannach a dhèanamh, thuirt Mgr Coineagan: "Tha mi an dòchas, an dèidh na h-oidhche nochd, gun coimhead daoine air na h-àireamhan gu mionaideach agus gun dèan iad an-àirde an inntinn fhèin an dèidh coimhead air ciamar a tha cùisean gu bhith ma gheibh sinn neo-eisimeileachd, an àite a bhith a' dol a rèir 's mar a tha an cridhe ag innse dhaibh an-dràsta."

"'S e bhòt chudromach a th' ann agus cha dèan math dhuinn dìochuimhneachadh sin," thuirt e.

Le beachdan gu math làidir a' nochdadh san talla, bheachdaich Mgr Coineagan: "Chan eil seo air a bhith math idir, idir dhan rìoghachd againn, cho fad 's a chì mise. Tha sgaradh air tighinn a-steach nach robh ann agus bidh e duilich an sgaradh sin fhaighinn ri chèile, ge bith dè a thachras."

Chaidh bhòt a chumail fhad 's a bha an luchd-èisteachd air an slighe a-mach às an deasbad agus thèid buil na bhòt fhoillseachadh ann an Gaseat na seachdain seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile