Bàta
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Marina Loch nam Madadh air fosgladh

3 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha a' Bhana-Phrionnsa Rìoghail air acarsaid ùr ann an caladh Loch nam Madadh fhosgladh gu h-oifigeil.

Chruinnich ceudan anns an sgìre airson a' Bhana-Phrionnsa fhaicinn aig a' ghoireis, a chosg na ceudan mìle not.

Tha a' bhuidheann a chur an acarsaid air chois, Comann na Mara, an dòchas a-nis gum bi an goireas làn gach bliadhna, nuair a sgaoileas a chliù am measg sheòladairean air feadh na Roinn Eòrpa.

Bha Aonghas Dòmhnallach an làthair.