Spèis is modh a dhìth bhon dà thaobh

An t-Àrd-Urramach Iain Chalmers
Image caption Tha am Modaràtair ag iarraidh barrachd spèis agus modh bhon dà thaobh.

Tha Modaràtair Eaglais na h-Alba air draghan a thogail mu cho nimheil agus mì-mhodhail 's a tha an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba a' fàs.

Thuirt an t-Àrd-Urr. Iain Chalmers gun robh e "iomagaineach" gun robh an deasbad a' fàs searbh is mì-thaitneach agus là na bhòta a' teannadh dlùth.

Tha seo a' leantainn chasaidean bho Bu Chòir agus Nas Fheàrr Còmhla gu bheil luchd-iomairt bhon dà thaobh air a bhith a' maoidheadh air càch-a-chèile.

Tha am Modaràtair ag iarraidh barrachd spèis agus modh bhon dà thaobh.

Teann

Leis na cunntasan-bheachd a' sealltainn gu bheil an fharpais seo a' sìor-fhàs teann, tha an t-Àrd-Urr. Iain Chalmers ag ràdh gu bheil dragh air gu bheil droch bhlas a' tighinn air an deasbad.

Tha an dà thaobh air a bhith a' fàgail air an taobh eile gu bheil iad air a bhith a' feuchainn ri eagal a chur orra fhad 's a tha iad air a bhith a-muigh ag iomairt air na sràidean.

Tha am Modaràtair ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid air a bhith modhail, ach gu bheil e draghail mu àrdachadh ann an droch fhaireachdainn agus ainmeannan gan sadail air a chèile bhon dà thaobh.

Oidhche Chiadain ann an Glaschu, bidh am Modaràtair sa chathair airson deasbad eadar Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, agus an Àrd-Neach-Tagraidh, am Morair Uallas QC.

Bruidhnidh Mgr Swinney às leth na h-iomairt airson neo-eisimeileachd fhad 's a bhios am Morair Uallas a' cur taic ri bhòt Cha Bu Chòir aig Eaglais Naoimh Sheòrais an Tron.

'Obrachadh còmhla'

Thuirt Mgr Chalmers: "Tha creideas agam, a dh'aindeoin diofar bheachdan, gu bheil a' mhòr-chuid de dh'Albannaich gan giùlan fhèin gu modhail agus an referendum a' tighinn dlùth. Ach, tha e air fàs follaiseach gu bheil cuid nach eil.

"Tha mi air leth toilichte a bhith nam chathraiche air deasbad a tha mì-choltach a bhith ionnsaigheach no fanaideach. Thèid iarraidh air an luchd-iomairt èisteachd ri càch-a-chèile le spèis.

"Mar a' mhòr-chuid, tha mi air mo sgreamhachadh leis an dol-a-mach a tha mi air fhaicinn sna beagan sheachdainean a dh'fhalbh. Feumaidh sinn ar giùlain fhèin mar gum biodh sinn ag uallachadh airson obrachadh còmhla, ge bith dè a thachras sa bhòt."

Le gnothaichean a' sìor-fhàs faisg a thaobh ùine chun na bhòta, agus taic airson an dà iomairt, bidh dòchas ann airson deagh mheasgachadh de dheasbad chruaidh agus modh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile