Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cobra

Bha Daibhidh Camshron os cionn coinneamh buidheann èiginn an riaghaltais, Cobra, sa mhadainn an-diugh 's iad a' beachdachadh air mar a tha agus ceannaircich na Stàit Ioslamaich a' maoidheadh gun cuir iad fear à Breatainn, a tha am bruid aca, gu bàs, mura sguir na h-ionnsaighean orra. Tha an duine à Breatainn ri fhaicinn aig deireadh bhidio a tha a' sealltainn murt an dàrna Aimearaganaich, am fear-naidheachd, Steven Sotloff. Thuirt Mgr Camshron nach dèan Breatainn dad ann an cabhag. Thuirt an Ceann-suidhe Obama, a th' ann an Estonia airson còmhraidhean air suidheachadh na Ugràin, nach dèan seo feum sam bith dha na ceannairich, ge bith dè an t-amas a tha aca.

Ugràin

Thuirt an Ugràin gun tàinig an Ceann-Suidhe, Petro Poroshenko, agus ceannard na Ruis, Vladimir Putin, gu aonta fon sguir an t-sabaid ann an sgìre Donbass air taobh sear na dùthcha. 'S ann an sgìre Donbass, as a bheil a' mhòr-chuid de ghnìomhachas trom na Ugràin, a bha a' chuid as miosa den bhlàr eadar feachdan an riaghaltais agus na reubaltaich a tha a' taobhadh ris an Ruis.

Referendum

Tha Modaràtair Eaglais na h-Alba a' gearain air cho nimheil agus mì-mhodhail 's a tha an deasbad ro referendum na h-Alba. Tha an dà thaobh, Bu Chòir agus Nas Fheàrr Còmhla, air a bhith a' gearain gun deach maoidheadh orrasan agus tha am Modaràtair, an t-Àrd-Urramach John Chalmers, ag iarraidh barrachd spèis is modh bhon dà thaobh.

Ashya King

Tha pàrantan Ashya King aig an ospadal ann an ceann a deas na Spàinn, far a bheil an gille beag air a bheil aillse eanchainn. Chaidh Brett agus Nagemeh King an saoradh às a' phrìosan a-raoir, an dèidh do luchd-lagha ann am Breatainn cuir às dhan oidhirp air an toirt air ais a Bhreatainn às an Spàinn. Chaidh an cur an grèim an dèidh dhaibh am mac Ashya, a tha còig, a thoirt às an ospadal ann an Southampton an t-seachdain seo chaidh an aghaidh comhairle dhotairean.

Bàs

Cha do dh'innis na poilis fhathast cò am boireannach a chaill a beatha anns a' Mhonadh Ruadh an-dè, nuair a thuit clach mhòr orra. Bha am boireannach a' sreap còmhla ri còignear eile faisg air Coire an t-Sneachda. Thèid aithisg air a' chùis gu Neach-Casaid a' Chrùin.