Chuireadh buill NATO fàilte air Alba

Saighdear NATO Image copyright Getty Images
Image caption Tha beachd Dame Mariot Leslie mar fhreagairt do rabhadh a thàinig bho Sir Richard Shirreff, a bha roimhe na Leas-Àrd-Chomanndair aig NATO san Roinn Eòrpa.

Chuireadh NATO fàilte air Alba neo-eisimeileach fiù 's nan cuireadh i às do dh'armachd niuclasach Trident, a rèir tè a bha roimhe na tosgaire aig Breatainn dhan chaidreachas armailteach.

Tha beachdan Dame Mariot Leslie mar fhreagairt do rabhadh a thàinig bho Sir Richard Shirreff, a bha roimhe na Leas-Àrd-Chomanndair aig NATO san Roinn Eòrpa.

Dh'fhoillsich i gum biodh ise a' bhòtadh "Bu Chòir" anns an referendum air neo-eisimeileachd.

Tha luchd-taic na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla a' cumail a-mach gum biodh e doirbh do dh'Alba a bhith na ball de NATO nan cuireadh i bhuaipe armachd Trident.

Thuirt Sir Richard aig an deireadh-sheachdain gun robh poileasaidhean dìon an SNP "cunnartach" agus "amataireach" agus, nan cuireadh Alba neo-eisimeileach às do dh'armachd niuclasach Trident, "nach robh cinnt sam bith" ann gun gabhadh NATO rithe mar bhall.

Ach thuirt Dame Mariot, a rugadh ann an Alba agus a' leig dhith a dreuchd aig NATO na bu tràithe am-bliadhna, gun robh ise air "co-dhùnadh diofraichte" a ruighinn.

'Maith na h-Alba'

Ann an litir don phàipear-naidheachd, An Scotsman, sgrìobh i: "Tha mise cinnteach gum biodh e gu maith na h-Alba ballrachd fhaighinn ann an NATO agus leantainn oirnn gar dìon fhèin ann an caidreachas nas fharsainge de dheamocrasaidhean an taobh an Iar.

"Ach cuideachd, chan eil teagamh sam bith orm nach biodh ar 28 caidreabhaich ann an NATO mothachail gum biodh e na bhuannachd dhaibhsan fàilte a chur air Alba neo-eisimeileach.

"Cha bhiodh caidreabhach sam bith airson bacadh a chur air suidheachadh dìon cho-fhillte Nato sa Chuan a Tuath no sa Chuan Shiar a Tuath - gu h-àraidh aig àm far a bheil teanntachd leis an Ruis air àrdachadh.

"Shuidheadh Alba dheamocratach, neo-niuclasach le traidisein armailteach is teicneòlach làidir gu nàdarra cuide ri buill coltach eile de NATO ann an taobh tuath na h-Eòrpa, agus bhiodh i na bu choltaiche ballrachd a ghabhail - cuide ris na RA - a' sireadh fuasglaidhean ioma-nàiseanta do na h-uallaichean air am buidseatan dìon."

Thuirt Dame Mariot, a bha cuideachd na h-àrd-stiùiriche a thaobh dìon agus fàisneis ann an Oifis nan Dùthchannan Cèin, gun robh coimeasachadh sam bith eadar Alba agus dùthchannan leithid na h-Ugràin agus Georgia, a tha cuideachd airson ballrachd fhaighinn ann an NATO, "às àite".

Thuirt i: "Chan eil "òrdugh ciudhaidh" ann a thaobh ballrachd de NATO. Bidh comhairle NATO a' beachdachadh air gach tagrachas, agus a thomhas-ama, air leth, a rèir airidheachd."

A thaobh nan adhbharan a tha i an dùil bhòtadh airson neo-eisimeileachd air an 18mh là den t-Sultain, thuirt i: "'S e deamocrat a th' annam, 's tha mi den bheachd gu bheil cruinn-eòlas, eaconamaidh, eòlas-sluaigh agus poileataigs ar dùthcha cho sònraichte 's gum biodh iad nas soirbheachaile fo riaghaltas neo-eisimeileach.

"A dh'aindeoin sin, tha spèis agam dhan RA, tha mi pròiseil gun robh mi nam riochdaire dioplòmasach Breatannach airson còrr is trì deicheadan, agus tha e air còrdadh rium a bhith ag obair cuide ri feachdan armaichte agus buidhnean tèarainteachd phroifeiseanta.

"Tha fios gur ann eadar Alba neo-eisimeileach agus an Rìoghachd Aonaichte a bhiodh an càirdeas dìon as dlùithe agus as cùdromaiche.

'Cruaidh chòmhraidhean'

"Anns an eadar-ama, nuair a tha Alba ag atharrachadh gus a bhith na dùthaich neo-eisimeilich, tha e soilleir gum biodh cruaidh-chòmhraidhean a dhìth a thaobh dìon, armachd niuclasaich agus ceistean nas farsainge a thaobh tèarainteachd, oir tha mòran an geall air gach taobh.

"Ach, leis an t-eòlas a th' agam air tèarainteachd Bhreatainn, chan eil càil a tha a' toirt orm smaoineachadh nach biodh gin den dà dhùthaich cho sàbhailte an dèidh do na còmhraidhean sin crìochnachadh."

Chuir an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, fàilte air a beachdan: "'S e riochdaire dioplòmasach fìor eòlach a th' ann an Dame Mariot, a bha ag obair aig na h-ìrean as àirde, agus tha i a' bruidhinn le ùghdarras mu chomasan agus chothroman na h-Alba mar dhùthaich neo-eisimeileach.

"Le eòlaichean de a leithid a' cur taic gu poblach ri Bu Chòir, tha mise misneachail gun toir sin spionnadh do mhòran nach eil air co-dhùnadh dè an taobh a bhòtas iad, no fiù 's a bha an dùil bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd, bhòtadh Bu Chòir.

Ach a' bruidhinn às leth na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, thuirt Seòras Robasdan, a bha roimhe na Àrd-Rùnaire air NATO: "Tha cead aig Ms Leslie a beachd fhèin a bhith aice, ach chì fiù 's ise cho doirbh 's a bhiodh e toirt air 28 dùthanannan dùthaich a tha airson armachd a thoirt à stàit NATO eile a leigeil a-steach.

"Chan eil an SNP neo-niuclasach a-mhàin, tha iad anti-niuclasach agus chan eil dùthaich NATO sam bith eile den bharail sin. Bhiodh a bhith a' cur às do dh'armachd niuclasaich Bhreatainn - aig àm nuair a tha Putin a' cur a chuid armachd nar cuimhne - na bhacadh mòr do bhallrachd na h-Alba."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile