Sgrùdadh Radon ga leudachadh

Àrd-sgoil Àird nam Murchan Image copyright Richard Laybourne / Geograph
Image caption Àrd-sgoil Àird nam Murchan

Thèid deuchainnean a bharrachd a dhèanamh 'son a' ghas radon ann an trì sgoiltean eile air a' Ghàidhealtachd.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun tòisich iad air rannsachadh nas mionaidaich ann an Àrd-sgoil Àird nam Murchan agus san òstail sin, agus cuideachd ann am Bun-sgoil Drochaid an Aonachain agus Bun-sgoil Shrath Èireann.

Bha iad am measg naoi àiteachan far an robh an t-Ùghdarras a' cumail chlàir air ìrean radon.

Ìrean

Thuirt a' Chomhairle gu bheil cunnart ann gu bheil ìrean radon anns na trì àitean nas àirde na tha sàbhailte.

Thèid rannsachadh thar mhìosan a dhèanamh annta is nì eòlaichean co-dhùnadh an uair sin a bheil obair a bharrachd a dhìth.

'S e gas nàdarra a th' ann an radon ach faodaidh e aillse adhbharachadh ma tha daoine timcheall air cus ro fhada.

Bidh an gas a' càrnadh ann an àitean dùinte ach thèid e ma sgaoil ma tha aidhear a' gluasad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile