Cofaidh is Craic an Glaschu

Sràid Elderslie Image copyright Stephen McKay / Geograph
Image caption 'S ann air Sràid Elderslie an Glaschu a bhios an cafaidh Gàidhlig.

Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.

Bidh Cofaidh agus Craic ag obair mar chompanaidh coimhearsnachd agus thèid prothaidean a thig às a chur an sàs a-rithist sa ghnìomhachas fhèin.

Thàinig taic-airgid dhan phròiseict tro sgeama crowdfunding agus bhon bhuidhinn Firstport.

'S ann aig 74 Sràid Elderslie ann an sgìre Finnieston de Ghlaschu a bhios an cafaidh is e faisg air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

"'S e gnìomhachas sòisealta a tha seo a thòisich Sarah Bolland", thuirt Jamie Uallas a tha a' fuireach ann an Glaschu.

"Thòisich an iomairt an-uiridh an uair a bha beachd aig Sarah bùth-chofaidh fhosgladh airson na coimhearsnachd Gàidhlig ann an Glaschu air sgàth 's nach robh rudeigin mar sin anns an sgìre", thuirt e.

Cuideachadh

Thathas a' lorg dhaoine a bhios deònach cuideachadh leis a' chafaidh no buidhnean a chuireadh gnothaichean coimhearsnachd air adhart ann.

"Bidh cothroman còmhraidh ann is cothroman airson òigridh bhon sgoil Ghàidhlig a dhol ann agus cuideachadh fhaighinn le obair-dachaigh", thuirt Jamie.

"Tha mòran bheachdan aig Sarah airson diofar seòrsa tachartasan a dhèanamh ach aig deireadh an là tha na smuaintean is beachdan aig a' choimhearsnachd nas cudromaiche.

"Ma tha beachdan aig duine sam bith airson tachartasan far a bheil Gàidhlig an sàs, bhiodh i uabhasach deònach rudeigin a dhèanamh agus an t-àite seo a chleachdadh", thuirt e.

Bithear a' sgeadachadh an togalaich anns na beagan sheachdainean ri tighinn is thèid fàilte air duine sam bith a tha deònach cuideachadh a thoirt seachadh.

Thathas cuideachd a' lorg dhaoine a dh'obraicheas sa chafaidh.

Fosglaidh Cofaidh agus Craic san Damhair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile