An Not gun chead "na chunnart do bhallrachd AE"

Olli Rehn Image copyright AP
Image caption Thuirt Olli Rehn gum feumadh ball-stàitean ùra a bhith deònach gabhail ri Aonadh Eaconamach agus Airgid Eòrpaich.

Dh'fhaodadh nach tèid aig Alba neo-eisimeileach air ballrachd fhaighinn san Aonadh Eòrpach ma chleachdas an dùthaich an Not gun chead, a rèir eòlaiche.

Thuirt an seann cheannard air eaconamachd aig an AE, Olli Rehn, gum biodh e "gu sìmplidh, do-dhèante" an Not a chleachdadh gun chead agus ballrachd a ghabhail san AE.

Bha Mgr Rehn a' freagairt litir bho Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander.

Ach thuirt am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond gun robh Mgr Rehn ceàrr.

Cunnradh

Tha na trì prìomh phàrtaidhean aig Westminster air a ràdh gu tric nach gabhadh iad ris a' mholadh a b' fheàrr le Riaghaltas na h-Alba - aonadh-airgid foirmeil leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Tha luchd-taic neo-eisimeileachd air a ràdh nach eil ann an sin ach cleasan poileataigeach a thoiseach air an referendum.

Tha Mgr Salmond, agus an àrd-chomhairliche eaconamach aige, Crawford Beveridge, air a ràdh gun gabhadh an Not cleachdadh gun chead mar "roghainn eadar-amail".

Am measg roghainnean eile a chaidh a mhìneachadh le Coimisean Fiosgail a chuir an Riaghaltas Albannach air dòigh, tha airgead ùr Albannach a stèidheachadh, no a bhith a' cleachdadh an Euro.

Na fhreagairt do Mhgr Alexander, thuirt Mgr Rehn gum feumadh Alba neo-eisimeileach iarrtas a chur a-steach airson ballrachd san AE fo Chunnradh an Aonaidh Eòrpaich.

"'S e bun-phàirt de na cùmhnantan eaconamach fon Chunnradh, gum feum dùthaich thagrach sam bith a bhith airson gabhail ris an Aonadh Eaconamach is Airgid," thuirt e.

"Tha sin a' ciallachadh gun gabhar ris gum feumar a bhith comasach air, agus ag iarraidh, tighinn a rèir chùmhnantan com-pàirteachaidh an ceann ùine, a thuilleadh air ùghdarras airgid chomasach a bhith ann, ann an riochd àrd-bhanca neo-eisimeilich.

"A thaobh na ceiste co-dhiù bhiodh cleachdadh an Not gun chead a' tighinn a rèir ballrachd san AE, 's e freagairt na ceiste sin, gu sìmplidh, gum biodh sin do-dhèante, seach gum biodh sin a' ciallachadh, gu follaiseach, nach biodh ùghdarras airgid neo-eisimeileach aca fhèin - nach biodh an uidheamachd a bhiodh a dhìth aca airson gabhail ri Aonadh Eaconamach agus Airgid."

A thaobh moladh Riaghaltas na h-Alba nach gabh iad ri cuibhreann de dh'fhiachan na Rìoghachd Aonaichte mura gabh Westminster ri aonadh-airgid fhoirmeil, thuirt Mgr Rehn: "Tha Cunnradh an AE ag iarraidh gun gabh ball-stàitean agus dùthchannan tagraidh ri an cuid uallaichean a thaobh ionmhais phoblaich, targaidean fiachan nam measg."

Institiùdan Ionmhasail

Tha ceist an airgid air a bhith aig cridhe an deasbaid air neo-eisimeileachd.

Ann an òraid aig Chatham House ann an Lunnainn oidhche Mhàirt, thuirt Mgr Alexander gun robh am beachd gum faodadh Alba neo-eisimeileach an Not a chleachdadh "gòrach".

"Cha do ghabh dùthaich sam bith riamh ballrachd san AE fhad 's a bha i a' cleachdadh airgid dùthcha eile," thuirt e.

"Tha Cunnraidhean an AE a' gabhail ris gu mòr gum bi àrd-bhanca aig gach ball-stàit, ach le bhith a' cleachdadh an Not gun chead, cha bhiodh sin aig Alba, no smachd air poileasaidh airgid.

"Mar sin, bhiodh taghadh sìmplidh mu choinneimh Alba - an Not a chleachdadh mar a chleachdas Panama an Dollar, no ballrachd a ghabhail san AE".

Ach thuirt Mgr Salmond uair eile gun gabh "aonta ciallach" a ruighinn air aonadh-airgid ma bhòtas Albannaich airson neo-eisimeileachd.

"A thaobh ballrachd Eòrpaich, chan fheumar gabhail ris an Euro mura roghnaichear gabhail ris an Exchange Rate Mechanism, agus tha sinn air an argamaid seo a chur a-rithist 's a-rithist.

"Chuala sinn farsainneachd de dh'argamaidean a thaobh na tha 's na nach eil a dhìth airson ballrachd san AE, agus cha do sheas gin aca ri sgrùdadh.

"'S e na tha a dhìth a thaobh ballrachd Eòrpaich, ùghdarras dol-a-mach, agus feumaidh sinn institiùdan ionmhasail, ach gu dearbha, chuireamaid na h-institiùdan seo air bhonn, mar a thuirt sinn roimhe," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile