Diofar sheallaidhean air ceartas sòisealta

Ed Miliband Image copyright PA
Image caption Canaidh Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, gur e esan a chur a Shràid Dhowning an dòigh as fhèarr air ceartas sòisealta fhaighinn.

Canaidh Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, gur e esan a chur a Shràid Dhowning an dòigh as fhèarr air ceartas sòisealta fhaighinn, seach neo-eisimeileachd.

Ach cuiridh ceannardan an SNP an aghaidh sin, ag ràdh gur e cothrom an riaghaltas aice fhèin a thaghadh a tha dhìth air Alba.

Canaidh iad cuideachd gun do dh'fhàilnich e air na Làbaraich Alba a dhìon bho Chìs nan Seòmraichean-cadail no bhon Chìs Choimhearsnachd roimhe.

Bidh Ed Miliband agus Ailig Salmond a' foillseachadh diofar sheallaidhean air ceartas sòisealta, 's an dithis ag iomairt ann an Alba.

Canaidh Mgr Miliband gun cruthaicheadh am pàrtaidh aigesan "dùthaich nas cothromaiche" agus gun cuireadh neo-eisimeileachd "crìoch air ceartas sòisealta na Rìoghachd Aonaichte".

Nì am Prìomh Mhinistear dealbh de dh'Alba "far am bi cothroman ann don mhòr-chuid, seach a' bheag-chuid".

Bidh an dithis cheannard ag iomairt agus cola-deug ri dhol ron referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba.

'Dùthaich nas cothromaiche'

Bidh Ed Miliband ag iomairt ann an Siorrachd Lannraig a Deas, cuide ri ceannard Làbarach na h-Alba, Johann NicLaomainn.

Tha dùil gum beachdaich e air an referendum mar roghainn eadar "an t-atharrachadh a tha a dhìth oirnn gus dùthaich nas cothromaiche a thogail cuide ris a' Phàrtaidh Làbarach, no atharrachadh tro a bhith a' togail crìche às ùr, an aon rud a tha na Nàiseantaich a' miannachadh".

Ag argamaid gun tig aig na Làbaraich air Taghadh Choitcheann na h-ath-bhliadhna a bhuannachadh, canaidh e: "Cuiridh sinn às do Chìs nan Seòmraichean-cadail. Cuiridh sinn às dheth ann an Dùn Dèagh, ann an Glaschu, ach cuideachd ann an Cathair Luail, sa Chaisteal Nuadh agus Nottingham.

"Ma tha diù agad do cheartas shòisealta tha diù agad do dhaoine bochda, do chiorramaich, do dhaoine so-leònte ge bith càite a bheil iad a' fuireach.

"Dè am plana a th' aig an SNP? 3sg a ghearradh far na cìse corparaid. Cìsean ìosal don fheadhainn as beartaiche, gun ghuth air a' chìs 50sg a thilleadh.

"Cha tèid prìsean chumhachd a reothadh. Agus thig crìoch air ceartas sòisealta na Rìoghachd Aonaichte.

"Tachraidh sin air sgàth 's gum bi companaidhean a' farpais thar chrìochan, a' feuchainn ri ìrean tuarastail is chìsean a chumail sìos."

'Eaconamaidh nas tèarainte'

Bidh Ailig Salmond ag iomairt ann an Glaschu cuide ris an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, 's iadsan a' comharrachadh 10 bliadhna chun an là bho chaidh an taghadh mar cheannard is leas-cheannard a' Phàrtaidh Nàiseantaich.

Image copyright Getty Images
Image caption Nì am Prìomh Mhinistear dealbh de dh'Alba "far am bi cothroman ann don mhòr-chuid, seach a' bheag-chuid".

Iarraidh iadsan air luchd-bhòtaidh na h-Alba beachdachadh air dè an t-seòrsa dùthcha a tha iad airson a bhith aca, agus nì iad dealbh de dh'Alba neo-eisimeileachd 10 bliadhna bho 'n-dràsta.

A' bruidhinn ro-làimh, thuirt am Prìomh Mhinistear: "A' bhliadhna 2024 - tha Bu Chòir a' faicinn sealladh de shòisealtas anns a bheil cothrom aig a h-uile duine a bhith soirbheachail, agus far am bi cothroman ann don mhòr-chuid, seach a' bheag-chuid.

"Ann an Alba neo-eisimeileach gheibh sinn an còmhnaidh an riaghaltas dhan do bhòt an sluagh.

"Bidh sinn comasach air an NHS a dhìon bho phrìobhaideachadh is gearraidhean Westminster, agus bidh cumhachdan againn obraichean a chruthachadh gus eaconamaidh nas tèarainte a stèidheachadh.

"Le bhòt 'Cha Bu Chòir', ro 2024 bidh luchd-pàighidh na cìsean ann an Alba a' pàigheadh £4bn a dh'ionnsaigh cosgaisean bhliadhnail armachd niuclasaich ùir air Chluaidh."

Thuirt e cuideachd: "Faodaidh sinn cumhachdan neo-eisimeileachd a chleachdadh gus leasachadh a thoirt air cùram chloinne, agus airson sùil às ùr a thoirt air co-dhùnadh Westminster toirt air a h-uile duine obrachadh gu 67 mus fhaighear peinnsean na stàite - a dh'aindeoin suidheachadh na h-Alba."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile