Saudi Arabia
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sealladh nan Saudi

4 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha uair ann 's b' e Breatainn an dùthaich a bu chudromaiche 's bu chumhachdaiche air an t-saoghal - a' riaghladh earrainn mhòr de shluagh na cruinne fon Ìmpireachd. Ach dh'fhalbh an là sin.

An-dràsta, 's an Rìoghachd Aonaichte an cunnart sgaradh, tha cuid den t-saoghal nach saoileadh sin na rud mòr sam bith.

Dè a' bhuaidh a tha an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba a' toirt air Saudi Arabia, mar eisimpleir?

Tha Murchadh MacLeòid, a bha uair na fhear-naidheachd aig Radio nan Gàidheal, a-nis ag obair ann an Saudi.

Dh'fhòn Dòmhnall Moireasdan thuige a dh'fhaighneachd an robh guth idir air an referendum thall an sin.