Ball
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An Taobh Siar a' dèanamh gàirdeachas

4 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bhuannaich sgioba an Taobh Siar Lìog Leòdhais is na Hearadh airson a' chiad uair às dèidh dhaibh crìochnachadh 1-1 an aghaidh sgioba nan Loch ann am Barabhas oidhche Chiadain.

Bha na Lochan iad fhèin feumach air na trì puingean gus an lìog a bhuannachadh.

'S iad na Lochan a bha air thoiseach 1-0 aig leth-ùine, ach chuir Scott Greumach am ball dhan lìon às dèidh 70 mionaidean gus eachdraidh a dhèanamh dhan Taobh Siar.

'S iad an Taobh Siar an sgioba mu dheireadh ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh nach robh riamh air an lìog a bhuannachadh.

Tha Cailean Seòras Moireasdan am measg na tha a' dèanamh gàirdeachais.