Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

NATO

Thuirt Àrd-Rùnaire NATO, Anders Fogh Rasmussen, gum beachdaich iad gu làidir air iarrtas nan tigeadh sin bho Riaghaltas Irac airson taic an aghaidh iomairt na Stàite Islamaich. Tha ceannardan NATO air cruinneachadh faisg air Newport ann an Ceann a Deas na Cuimrigh far a bheil iad a' deasbad suidheachadh na h-Ucrain agus cunnart bhon Stàit Islamaich. Thuirt Mgr Rasmussen gur i a' choinneamh seo tè cho cudromach 's a tha ann an eachdraidh NATO.

Am bruid

Thuirt Dàibhidh Camshron gu bheil esan gu pearsanta a' stiùireadh oidhirp Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air cobhair a dhèanamh air fear à Breatainn, aig a bheil teaghlach ann an Alba, agus a tha am bruid aig ceannaircaich na Stàite Islamaich. Thuirt am Prìomhaire, a tha aig àrd-choinneimh NATO anns a' Chuimrigh, gu bheil esan gu tur an aghaidh èirig de sheòrsa sam bith a phàigheadh airson a shaorsa.

Tubaist

Chaidh duine a mharbhadh an uair a thuit e air clàr-ola Unity aig BP ann an Raon Forties sa Chuan a Tuath trath anns a' mhadainn an-diugh. Thuirt Buidheann na Slàinte agus na Sàbhailteachd gu bheil iad fhèin agus na poilis a' rannsachadh na cùise.

Ed Miliband

Tha ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, ann an Alba an-diugh 's e ag ràdh gur e esan a chur a Shràid Dhowning mar Phrìomhaire an dòigh as fhèarr air ceartas sòisealta fhaighinn, seach neo-eisimeileachd. Ach tha ceannardan an SNP ag ràdh gur e neo-eisimeileachd agus cothrom an Riaghaltas fhèin a thaghadh a tha dhìth air Alba.

Drew Miller

Dh'innis fear a tha na chomhairliche còrr 's fichead bliadhna san Eilean Sgitheanach gum bi esan a' bhòtadh airson neo-eisimeileachd. Tha Drew Miller a' riochdachadh nan Lib Deamach air Comhairle na Gàidhealtachd, agus tha e a-nise am measg Lib Deamaich eile air a' Ghàidhealtachd, mar an Dotair Mìcheil Foxley, a tha a' cur an taic ris an iomairt Bu Chòir.

Ealaghol

Tha dragh ann an Ealaghol san Eilean Sgitheanach mu phlana a tha aig Comhairle na Gàidhealtachd airson pontoon a chur aig a' chidhe an sin. Tha beachd ann nach eil an cidhe mòr gu leòr airson na tha de bhàtaichean ga chleachdadh. Ach chuir feadhainn san sgìre iomairt air dòigh na aghaidh le ath-chuinge air-loidhne agus iad ag ràdh gum milleadh an sgeama an tràigh agus coltas an àite.