Inbhir Nis troimhe-chèile le trafaig
- Air fhoillseachadh
'S e solais trafaig a chaidh ceàrr a bu choireach airson mar a chaidh dàil air dràibhearan ann an Inbhir Nis sa mhadainn Diardaoin.
Bha rathaidean ann am meadhan a' bhaile air an tachdadh le càraichean is cùisean gu sònraichte doirbh air Rathad Ghlinn Urchadain, Sràid Thom na h-Iùbhraich, Rathad Mayfield, Rathad Chùil Daothail agus Sràid a' Chaisteil.
Chaidh ficheadan de ghearanan gu Comhairle na Gàidhealtachd, is bacadh air a dhol air dràibhearan air an slighe a dh'obair.
Thuirt neach-labhairt gun do bhrist na solais air Drochaid Nis air Sràid a' Bhanca ann am meadhan a' bhaile.