Là mòr do nigheanan an eilein

Srath Chura Image copyright ALAn Reid / Geograph
Image caption Thèid a' chuairt dheireannach air adhart ann an Srath Chura.

Tha sgioba nam ban aig Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' dèanamh deiseil airson a' gheama as motha aca a-riamh is iad a' dol an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal ann an cuairt dheireannach Cupa Valerie Fhriseil - Cupa Camanachd nam Ban.

'S e comharra a tha seo air an adhartas iongantach a tha na Sgitheanaich air dèanamh bho chaidh an cluba a thòiseachadh ann an 2011.

Bhon uair sin tha iad air èirigh dhan lìog as àirde sa gheama, Lìog Nàiseanta 1, is iad an-dràsta san dàrna àite air cùlaibh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal fhèin.

Thèid iad a-steach dhan gheama ann an sunnd is iad air droinneadh 7-1 a thoirt air Gleann Garradh Didòmhnaich a chaidh.

'S iad Jenna Pheutan - a bhios na sgiobair sa chuairt dheireannaich - Lorna NicRath, Caitlin NicIlleathain (3), Fiona NicLaomainn is Caitriona Gibb a chuir na tadhail dha na Sgitheanaich.

Moladh

Rinn coidse na sgioba, Sarah Corrigall, a chluich aig àrd-ìre ann an iomain nam ban do Ghleann Garradh mus robh sgioba san eilean, moladh mòr air na Sgitheanaich.

"Nuair a thòisich mi còmhla ris an sgioba bho chionn dà bhliadhna, shaoil mi gun robh tòrr thàlant an seo. Bha mi den bheachd gur e sgioba òg a bh' ann a dh'fhaodadh adhartas a dhèanamh nan obraicheadh iad gu cruaidh.

"Cha bhithinn air creidsinn ge-tà, às dèidh dà bhliadhna, gum biodh an sgioba sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil agus a' farpais gu làidir san Lìog Nàiseanta. Bha mi den bheachd gun toireadh e nas fhaide an seo.

"Tha e craicte ach tha na cluicheadairean air obrachadh cho cruaidh is tha iad airidh air seo", thuirt i.

'S ann an Srath Chura a bhios an geama Disathairne is e a' tòiseachadh aig 3:00f.

Cudromach

Tha geama no dhà glè chudromach ann an iomain nam fear cuideachd Disathairne.

Thèid Bail' Ùr an t-Slèibh gu Inbhir Aora is dìreach puing a dhìth orra gus a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh.

Tha am Bail' Ùr ann an sunnd às dèidh dhaibh Cupa MhicAmhlaigh a bhuannachadh is iad a-nise deiseil 'son an lìog a thogail an còigeamh bliadhna ann an sreath.

Crìochnaichidh Inbhir Aora san t-siathamh àite as bith dè thachras is chan eil iad ach air 1 geama a chluich ann an 6 seachdainnean, 's iognantach mar sin mura faigh am Bail' Ùr na tha a dhìth orra.

Aig bonn na Lìge feumaidh Loch Abar a' chùis a dhèanamh air Caol Bhòid ann an Taigh na Bruaich gus cothrom a bhith aca fuireach sa Phrìomh Lìog, is fiù 's aige sin dh'fheumadh iad fàbhar an uair sin bho Chaol Bhòid nuair a chluicheas iad Ceann Loch Seile aig deireadh na mìos.

Mullach

San Lìog Nàiseanta cluichidh an Gearasdan an aghaidh Eilein Bhòid is bheir dà phuing iad gu mullach na lìge air thoiseach air a' gheama an aghaidh Chamanachd an Òbain aig deireadh na mìos, geama a cho-dhùineas cò bhuannaicheas an lìog.

Ann an Lìog Tuath 1 tha na Sgitheanaich aig an taigh an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich.

Bhuannaich na Sgitheanaich an lìog an t-seachdain seo chaidh agus le aire a-nise a' tionndadh air a' gheama dhearbhaidh an aghaidh Bhaile a' Chaolais 'son àite san Lìog Nàiseanta, cha bhiodh e na iongnadh nam biodh cuid bhon chiad sgioba a' cluich dhan dàrna sgioba Disathairne.

Tha iadsan aig an taigh an aghaidh Loch Abair is an dà phuing a dhìth orra gus fuireach ann an Lìog Deas 2.

Bidh cuairt dheireannach ann an Srath Pheofhair le na nàbaidhean Lòbhat is a' Mhanachainn gus farpais 'son Phleit Shrath Èireann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile