"Chan ann mun SNP" a tha an referendum

Ailig Salmond agus Nicola Sturgeon
Image caption Tha deich bliadhna bho chaidh Ailig Salmond a thaghadh mar cheannard an SNP.

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, air a ràdh nach ann mu dheidhinn an SNP a tha an referendum, ach "cothrom air ar taghadh fhèin de riaghaltas a bhith againn".

Thuirt ceannard an SNP gur e "taghadh mhuinntir na h-Alba" a bhiodh ann dè am pàrtaidh a bhiodh a' riaghladh ann an Alba neo-eisimeilich.

Thuirt e cuideachd gun tig cothrom air sòisealtas nas cothromaiche a chruthachadh an cois a bhith a' bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

Bha Mgr Salmond a' bruidhinn ris a' BhBC, agus e a' comharrachadh deich bliadhna bho chaidh e na cheannard air a' phàrtaidh.

Ceartas Sòisealta

"'S e an deich bliadhna a tha ri tighinn a bhios inntinneach do dh'Alba. 'S e sin an cothrom a th' againn gun teagamh dùthaich nas soirbheachaile, ach cuideachd sòisealtas nas cothromaiche a thogail.

"Ge b' e dè am pàrtaidh poileataigeach a th' anns an riaghaltas, 's e sin taghadh mhuinntir na h-Alba a bhios ann, agus dè a b' fheàrr na sin?"

Chaidh dùbhlan a thoirt do Mhgr Salmond mu mholadh Riaghaltas na h-Alba a' chìs chorporaid a ghearradh ann an Alba neo-eisimeilich gu 3sg nas ìsle na rèata na RA, mar phàirt de ro-innleachd chìse air an do rinn ceannard nan Làbarach aig Westminster, Ed Miliband, coimeas ri poileasaidhean nan Tòraidhean.

"Tha sinn a' dèanamh sin ri linn 's gun cruthaicheadh e barrachd obraichean an Alba thar ùine, 27,000 cosnadh a bharrachd, agus gun toir e air an eaconamaidh fàs nas luaithe, a leigeas leinn ar poileasaidhean ceartais shòisealta a mhaoineachadh.

"Chan ann mu dheidhinn an SNP a tha seo, chan ann mu phàrtaidh sam bith a tha e. 'S ann mu chòir na h-Alba an riaghaltas a thaghas sinn fhèin a bhith againn aig a h-uile taghadh. Sin as coiteach gu bheil na h-uiread de dhaoine a bhòtadh dhana Làbaraich mar a bu thrice air taobhadh ri "Bu Chòir"."

Tòraidhean "air an rathad a-mach"

Chuir Mgr Salmond, agus an Leas-Phrìomh Mhinistear Nicola Sturgeon, an sealladh "Alba 2024" aca a-mach airson dùthaich neo-eisimeileach thar an ath-dheich bliadhna.

Image caption Thuirt Ceannard nan Làbarach gu bheil na Tòraidhean "roinnte agus dì-mhisnichte" agus rinn e tuairmse gun robh riaghaltas Làbarach "air an t-slighe".

Am measg ghealltanasan, tha cùram chloinne an asgaidh, tuilleadh thàilleabhach, a' dìon an NHS, agus aois peinnsean na stàite "a rèir suidheachadh na h-Alba".

Bha ceannard nan Làbarach aig Westminster, Ed Miliband, ag iomairt ann an Alba Diardaoin, còmhla ri ceannard Albannach a' phàrtaidh, Johann NicLaomainn, agus thuirt e gun robh na Tòraidhean "air an rathad a-mach" 's gum faodadh riaghaltas Làbarach ceartas sòisealta a thoirt seachad.

"Tha atharrachadh a' tighinn don RA. Tha na Tòraidhean air an rathad a-mach", thuirt Mgr Miliband.

"Cuiridh sinne cìsean nas cothromaiche an sàs, nam measg ìre tòiseachaidh ùr de 10sg, agus ìre nas àirde ùr de 50sg.

"Cuiridh sinn cìs air bònasan nam bancairean, agus cuiridh sinn ar daoine òga air ais a dh'obair.

"Sgaoilidh sinn tuilleadh chumhachdan a thaobh chìsean, tèarainnteachd shòisealta agus a' phrògraim obrach. Seo mo phlana-sa airson ceartas shòisealta.

"Dè am plana a th' aig an SNP? 3sg a thoirt far na cìse corporaid. Cìsean ìsle don dream as beartaiche, gun ghuth air tilleadh gu ìre 50sg. Chan eil guth air reothadh air pìsean chumhachd, agus thig crìoch air ceartas sòisealta na Rìoghachd Aonaichte," thuirt Mgr Miliband.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile