RMT airson neo-eisimeileachd

Stèisean rèile Waverley Dhùn Èideann Image copyright PA
Image caption 'S e an RMT a' chiad aonadh-ciùird mòr a chuir taic ri neo-eisimeileachd.

Thuirt Aonadh an RMT ann an Alba gu bheil iad gu h-oifigeil a' cur an taic ri neo-eisimeileachd do dh'Alba.

An dèidh dhaibh bhòt a chumail am measg an cuid bhall, chuir 1,051 bhòt airson neo-eisimeileachd, le 968 na h-aghaidh. Bha 365 buill nach robh air co-dhùnadh a dhèanamh taobh seach taobh.

Tha sin a' fàgail gur iad an RMT an dàrna aonadh-ciùird a th' air tighinn a-mach air taobh neo-eisimeileachd thuige seo - le Comann Oifigearan nam Prìosan air taic a nochdadh roimhe. 'S e an RMT ge-tà an aon aonadh mòr a th' air taic a nochdadh do neo-eisimeileachd.

Thàinig an naidheachd air an là a thadhail ceannard nan Làbarach aig Westminster, Ed Miliband, air Alba airson taic a chur ris an iomairt Nas Fheàrr Còmhla.

Chaidh an RMT a chur a-mach às a' Phàrtaidh Làbarach o chionn deich bliadhna, ach tha ceanglaichean làidir aca ris a' phàrtaidh fhathast, le buidhnean pàrlamaideach aca an dà chuid aig Westminster agus aig Holyrood.

Thuirt labhraiche don RMT: "Chùm an RMT baileat referendum am measg ar bhall an Alba, agus tha iad air mòr-chuid chumhang a chlàradh airson seasamh na h-iomairt "Bu Chòir".

"Chaidh an toradh sin a thoirt seachad do bhuidhinn stiùiridh an aonaidh, agus bidh sinn a cur a-mach litir fhoirmeil do ar cuid bhall an Alba a dh'aithghearr."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile