Miliband: SNP "a' mealladh" an luchd-bhòtaidh

  • Air fhoillseachadh
Ed Miliband
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt Ceannard nan Làbarach gu bheil na Tòraidhean "roinnte agus dì-mhisnichte" agus rinn e tuairmse gun robh riaghaltas Làbarach "air an t-slighe".

Tha Ed Miliband air cur às leth an SNP gu bheil iad a' feuchainn ri luchd-bhòtaidh na h-Alba a "mhealladh" gus creidsinn gur e neo-eisimeileachd an aon dòigh san tèid ceartas sòisealta a choileanadh.

Thuirt Ceannard nan Làbarach gu bheil na Tòraidhean "roinnte agus dì-mhisnichte" agus rinn e tuairmse gun robh riaghaltas Làbarach "air an t-slighe".

Thuirt e cuideachd gun leanadh an SNP orra le poileasaidhean Tòraidheach an dèidh neo-eisimeileachd.

Bha Mgr Miliband a' bruidhinn fhad 's a bha am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond cuideachd a' foillseachadh an t-seallaidh aige-san de dh'Alba nas cothromaiche.

Le dìreach cola-deug ri dhol ron referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba, agus cunntasan-bheachd a' sealltainn gu bheil cùisean a' fàs nas teinne, tha gach taobh air a bhith a' dèanamh oidhirp air bhòtaichean nan Làbarach nach eil fhathast air co-dhùnadh dè an taobh a bhòtas iad a bhuannachadh, le mòran den bheachd gum bi iad air leth buadhach.

A' bruidhinn ris a' BhBC, thuirt Mgr Miliband gur e "ro-innleachd annasach" a th' air a bhith aig an SNP ann an iomairt an referendum.

Lean e air: "Tha iadsan airson innse do dhaoine nach dèan duine an gnothach air na Tòraidhean san RA. Tha mise airson a ràdh gun dèan.

'Ceartas sòisealta'

"Tha mise ag iarraidh dùthaich nas cothromaichte, nas co-ionainne. Tha mi mothachail gu bheil an t-uabhas dhaoine ann an Alba a' faireachdainn nach eil an rìoghachd ag obair dhaibhsan agus gum bi iad a' cnuasachadh co-dhiù am bu chòir dhaibh bhòtadh 'Cha Bu Chòir' anns an referendum no 'Bu Chòir'.

"'S e mo theachdaireachd làidir-sa gum gu chòir bhòtadh 'Cha Bu Chòir' anns an referendum seach gu bheil riaghaltas Làbarach air an t-slighe, riaghaltas Làbarach le molaidhean dha-rìribh a thaobh ceartas shòisealta."

Thuirt Mgr Miliband gun robh na Làbaraich daingeann ann a bhith a' cruthachadh siostam chìsean nas cothromaiche, le reat ùr 10sg agus reat 50sg nas àirde, a thuilleadh air a bhith a' reothadh phrìsean cumhachd, ag àrdachadh a' bhun-thuarasdail, a' cuideachadh dhaoine òga gus obraichean fhaighinn agus a' toirt barrachd chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba.

Rinn e argamaid gum biodh aig an SNP, air an làimh eile, ris a' chìs chorporaid agus buidseatan poblach a ghearradh an dèidh neo-eisimeileachd, agus nach tigeadh aca air na tha na Làbaraich a gealltainn a thaobh reat cìse 50sg no reothadh a thaobh phrìsean cumhachd a choileanadh.

"Gu h-onarach, chan eil ann ach mealladh SNP. Tha iad a' dol a' leantainn orra le poileasaidhean Tòraidheach ma gheibh iad neo-eisimeileachd, sin an ro-shealladh a th' aca dha-rìribh.

"Ma tha thu ag iarraidh ceartas shòisealta bu chòir dhut bhòtadh 'Cha Bu Chòir' agus tha sinn a' dol a thaghadh riaghaltais Làbaraich."

An dèidh bruidhinn ris a' BhBC, bha Ed Miliband ag iomairt ann an Siorrachd Lannraig a Deas, cuide ri ceannard Làbarach na h-Alba, Johann NicLaomainn.

'Eaconamaidh thèarainte'

Aig a' cheart àm, bha Ailig Salmond ag iomairt ann an Glaschu cuide ris an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, 's iadsan a' comharrachadh 10 bliadhna chun an là bho chaidh an taghadh mar cheannard is leas-cheannard a' Phàrtaidh Nàiseantaich.

Fo-thiotal an deilbh,
Bha Ailig Salmond agus Nicola Sturgeon a' comharrachadh 10 bliadhna chun an là bho chaidh an taghadh mar cheannard is leas-cheannard a' Phàrtaidh Nàiseantaich.

Thuirt am Prìomh Mhinistear gur e an sealladh airson na bliadhna 2024, Alba neo-eisimeileach "far a bheil cothrom aig a h-uile duine a bhith soirbheachail, agus far am bi cothroman ann don mhòr-chuid, seach a' bheag-chuid".

Mar fhreagairt do bheachdan Mhgr Miliband, chuir Mgr Salmond às leth Ceannard nan Làbarach gun robh e "san leabaidh cuide ris a' Phàrtaidh Tòraidheach" agus gun robh còrr is 200,000 luchd-bhòtaidh Làbarach an dùil bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

Thuirt e cuideachd: "Anns an iomairt a tha seo, tha Ed Miliband agus Daibhidh Camshron cho coltach ri chèile ri dà sgadan. Agus nach eil fhios gu bheil am Pàrtaidh Làbarach air gealltainn leantainn orra e poileasaidhean cruaidh a' Phàrtaidh Thòraidhich.

"Chan eil creideas sam bith aige air fhàgail. Air a' chaochladh, tha sinne air poileasaidhean a thaobh ceartas shòisealta a stèidheachadh ann an Alba, mar eisimpleir, an tuarastal bith-beò."

"'S iad sin na poileasaidhean a tha Alba ag iarraidh oir tha Alba airson a bhith comasach air eaconamaidh nas sealbhaiche a chruthachadh, ach cuideachd sòisealtas nas cothromaiche. Sin an rud dha bheil daoine a' bhòtadh nam mìltean, tha iad a' gluasad a dh'ionnsaigh na h-iomairt Bu Chòir, 200,000 a b' àbhaist a bhith a' bhòtadh do na Làbaraich nam measg."

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh