Sochairean shòisealta air a' chlàr-gnothaich

Luchd-iomairt Nas Fheàrr Còmhla agus Bu Chòir Image copyright Getty Images
Image caption Le nas lugha na cola-deug ri dhol ron bhòt, tha sochairean na phrìomhachas air a' chlàr-gnothaich.

Canaidh Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba Dihaoine gum bi neo-eisimeileachd na "cothrom do gach roinn de shluagh na h-Alba".

Bidh Nicola Sturgeon a' bruidhinn agus i a' coinneachadh ri riochdairean bho choimhearsnachd Àisianaich Ghlaschu.

Ach bheir luchd-taic an Aonaidh rabhadh gum bi sinn nas miosa dheth, le nas lugha de chothroman cuideachadh a thoirt dhan fheadhainn as fheumaiche.

Canaidh labhraiche nan Làbarach, Jackie Baillie, gu bheil na Nàiseantaich a' toirt ghealltanasan mu shochairean sòisealta "nach eil cothromach".

'Tairgse in-ghabhalach'

'S e an teachdaireachd a th' aig Nicola Sturgeon do dhaoine, gur e tairgse in-ghabhalach a th' ann an neo-eisimeileachd a dh'fhaodadh a bhith na bhuannachd do gach roinn den t-sluagh.

Tha i mar-thà air a ràdh gu bheil luchd-bhòtaidh nan Làbarach mean-air-mhean a' gluasad ri bhith a' cur taic ri neo-eisimeileachd,

Air thoiseach air iomairt Dhihaoine, thuirt Ms Sturgeon: "Chan ann mu co às a thàinig sinn no dè am pàrtaidh dham buin sinn a tha an deasbad seo, 's ann a tha e mu mhuinntir na h-Alba, gach duine againn, agus sinn a' gabhail smachd air ar n-àm ri teachd fhèin.

"Thairis air ar coimhearsnachdan air fad tha daoine nas mothachaile mu na cothroman an lùib neo-eisimeileachd gus sòisealtas nas cothromaiche a chruthachadh, gus taic a thoirt dhan òigridh tro bhith a' cruthachadh chothroman obrach nas fheàrr, agus gus dìon a chur air seirbheisean poblach leithid an NHS.

"Tha sinn a' faicinn luchd-bhòtaidh bho gach pàrtaidh a' tionndadh gu Bu Chòir, bho na h-aonaidhean-ciùird, bho ghnìomhachas agus bho ar coimhearsnachdan air fad, agus iad uile airson an cothrom a ghabhail àm ri teachd na h-Alba a chur ann an làmhan mhuinntir na h-Alba."

'Geallaidhean neo-chothromach'

Aig a' cheart àm, bidh ceannard nan Làbarach ann an Alba, Johann NicLaomainn, cuideachd ag iomairt ann an Glaschu Dihaoine.

Tha luchd-taic an Aonaidh a' cumail a-mach gun tigeadh gearraidhean ann am buidseatan poblach na h-Alba fo neo-eisimeileachd; gearraidhean a dh'adhbharaicheadh strèan air na ghabhas cosg air sochairean sòisealta.

Thuirt Jackie Baillie: "'S e an stàit shochairean aon de na rudan as fheàrr a thug an RA gu buil. Chaidh a stèidheachadh ri linn 's gun robh feum ann air a shon, cha b' ann ri linn nàiseantachd, agus gus am faigheadh an fheadhainn a bha feumach air cuideachadh an taic a bha a dhìth orra.

"Gus sin a choileanadh, feumaidh sinn a bhith comasach air an stàit shochairean a mhaoineachadh. Tha neo-eisimeileachd a' cur sin ann an cunnart. Rinn eòlaichean an Institiùt airson Rannsachaidh Fhiosgail, a tha neo-phàirteach, soilleir, nan deadh an RA fhàgail, gun tigeadh luach £6bn de ghearraidhean a bharrachd.

"Chan eil gealltanasan an SNP a thaobh shochairean sòisealta cothromach. Feumaidh Ailig Salmond innse do mhuinntir na h-Alba ciamar a tha e a' dol a phàigheadh airson a chuid ghealltanasan a thaobh shochairean nuair a tha neo-eisimeileachd a' dol a dh'abharachadh barrachd teanntachd."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile