Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

NATO

Thug Daibhidh Camshron tuilleadh fiosrachaidh do choinneamh NATO anns a' Chuimrigh an-diugh mun bhuidheann ùr a thèid a stèidheachadh, a bhios air chomas dèilgeadh ann an cabhag ri èiginn. Tha Breatainn cuideachd ag iarraidh air dùthchannan eile an cosgais air dìon agus tèarainteachd àrdachadh gu 2% den toradh GDP. Thuirt Mgr Camshron gum feum buill NATO a bhith air chomas dèiligeadh gu sgiobalta ri cunnart às ùr bho cheannairc.

Ugràin

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur theagamhan mòra ann am plana airson fois bhon fhòirneart eadar an Ruis agus an Ugràin. Thuirt Ceann-Suidhe na h-Ugràin, Petro Poroshenko, gu bheil esan den bheachd nach eil iad fad sam bith bho aonta, ged a tha an t-sabaid a' dol air adhart fhathast eadar feachdan na h-Ugràin agus na reubaltaich air taobh sear na dùthcha. Tha a h-uile coltas ann gu bheil na ceannardan aig coinneamh NATO anns a' Chuimrigh ag ullachadh tuilleadh chasg-bhannan air an Ruis.

Referendum

Canaidh Nicola Sturgeon, Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Dihaoine gun toireadh neo-eisimeileachd cothrom nas fheàrr dhan a h-uile roinn shòisealta ann an Alba. Tha an iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd ag ràdh gum fàgadh sin Alba nas miosa dheth, le nas lugha comas air cuideachadh a thoirt dhan fheadhainn as fheumaiche.

Imams

Tha searmonaichean Muslamach ann an Alba a' guidhe do Mhuslamaich òga gun gnothach a ghabhail ri buidhnean radaigeach an lethid na Stàit Ioslamach. Thuirt Imams aig adhradh an là an-diugh nach eil taobh sam bith aca ri borbachd na Stàit Ioslamaich, a tha air dithis Aimearaganach a mhurt mar-thà, agus a tha a' maoidheadh gun cuir iad gu bàs cuideachd Daibhidh Haines à Peairt, a chaidh a chur am bruid ann an Siria.

Iasgach

Thuirt Ministear Iasgaich na h-Alba, Ridseard Lochhead, gum bu chòir dhan Aonadh Eòrpach prìomhachas a thoirt do dh'iasgach ann an doimhneachd a' chuain mar thoradh air smachd-bhannan a tha an Ruis a' cur air stuth-bidhe às an Roinn Eòrpa. Tha Mgr Lochhead a' bruidhinn aig coinneamh èiginneach Comhairle Àiteachais is Iasgaich an EU sa Bhruiseal, far a bheil iad a' deasbad smachd-bhannan a th' air buille chruaidh a thoirt air iasgach an rionnaich gu h-àraidh.