Neach-eiridinn air drogaichean a ghoid

Dh'aidich neach-eiridinn air a' Ghàidhealtachd ri casaid gun do ghoid e drogaichean agus uidheamachd bhon charabad-eiridinn aige fhèin.

Chuala Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis gun robh Cailean Girvan, 45, à Ceann a' Ghiuthsaich air falbh le morphine, diazemuls, entonox agus stuth eile eadar an Damhair agus an Dùbhlachd an-uiridh.

Thèid binn a chur air air an ath-mhìos.