A' dol mu na dorsan

Brataich air aodainn Image copyright Peter Macdiarmid
Image caption B' àbhaist nach robh cus ùidh aig a' chuid as motha de dhaoine ann am poileataigs. Ach, a rèir Ruairidh MhicIllEathainn, tha sin air atharrachadh gu mòr.

Is coltach gum faodadh suas ri 80% de luchd-bhòtaidh na h-Alba pàirt a ghabhail anns an referendum, a tha a-niste nas lugha na cola-deug air falbh.

'S e taghadh coitcheann 1951 an turas mu dheireadh a bha àireamh bhòtaidh cho mòr ann.

Anns an taghadh airson Pàrlamaid na h-Alba ann an 2011, cha do nochd ach an dàrna leth de bhòtairean aig na stèiseanan-bhòtaidh.

Tha an Referendum ge-tà, air ùidh a thogail am measg an t-sluaigh ann am poileataigs a-rithist.

Grassroots

Tha gach taobh den iomairt den bheachd gur e pàirt den adhbhar an turas seo gu bheil an deasbad air a dhol a-mach dha na coimhearsnachdan.

"'S e an rud a tha math mu dheidhinn seo, gur e iomairt a tha a' tighinn bhon choimhearsnachd fhèin," thuirt Ruairidh MacIllEathain, a th' air a bhith ag iomairt mu na dorsan ann an Inbhir Nis às leth na h-iomairt airson neo-eisimeileachd, Bu Chòir Alba.

"Chan eil na pàrtaidhean poileataigeach an sàs ann uiread 's a bha mi fhèin an dùil mus d' fhuair mi fhèin an sàs ann - chan e ball de phàrtaidh phoileataigeach a th' annam fhèin.

"Ach 's e rud "grassroots" mar a chanas iad, agus tha sin gu math làidir, le daoine a tha a' riochdachadh gach pàirt den choimhearsnachd a' gabhail pàirt ann.

"Tha dìreach cothrom ann a bhith a' bruidhinn ri daoine 's a' cantainn riutha "a bheil sibh air co-dhùnadh a dhèanamh, mura h-eil seo am fiosrachadh a b' urrainn dhuinn a thoirt dhuibh 's dòcha airson co-dhùnadh a dhèanamh nas fhasa a bhith a' bhòtadh Yes air an là," thuirt e.

'S e rud a tha sin air a bheil an dà thaobh san deasbad ag aontachadh.

"Tha e eagallach cudromach, oir ma chì daoine dìreach luchd-poileataigs sna naidheachdan etc a' cur às an corp mu an cuid poileataigs, tha sin glè mhath, 's dòcha gun aontaich mi, ach ma chì iad daoine beò mu na dorsan a' bruidhinn riutha, tha iad nas coltaiche an tuigsinn," thuirt Jordan Scott, a th' air a bhith a' dol mu na dorsan às leth nas Fheàrr Còmhla.

"Tha iad a' faicinn gu bheil daoine àbhaisteach an sàs. Chan e dìreach daoine ann an Dùn Èideann, daoine ann an Obar Dheathain 's an Lunnainn.

"Ma chì thu daoine àbhaisteach tha thu nas coltaiche an tuigsinn," thuirt e.

Conaltradh

Am measg na th' air a bhith a' dol mu na dorsan an Inbhir Nis an t-seachdain seo, tha ceannard Nas Fheàrr Còmhla Alasdair Darling, agus Teàrlach Ceanadach BP.

Image copyright Reuters
Image caption Tha dùil gum bhòt suas ri 80% de luchd-bhòtaidh na h-Alba.

"Saoilidh mi, gu h-àraidh ann am pàirt de dh'Alba coltach ris a' phàirt againn fhèin, a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, gu bheil e gu math cudromach gum bi an sruth sin aig ìre grassroots a' gabhail àite," thuirt e.

"Oir, fhad 's a tha thu a' faighinn an deilbh nàiseanta mar gum biodh - agus nach eil sinn ga dhearbhadh san iomairt a tha seo gu bheil Alba na dùthaich a tha mìorbhaileach eagsamhail - agus ri linn sin, telebhisean, rèidio, pàipearan-naidheachd, tha sin uile fìor chudromach airson conaltradh mòr a dhèanamh.

"Ach gu sgìreil, gu h-ionadail, tha deasbad sa choimhearsnachd air cuspair mar seo - nach eil a leithid ann - tha sin gu sònraichte cudromach."

Dè tha na h-iomairtean a' lorg air na dorsan ge-tà?

"Air na dorsan, agus canaidh na daoine eile seo, cha bhi sinn a' bruidhinn air airgead, cha bhi sinn a' bruidhinn air an Aonadh Eòrpach, cha bhi sinn a' bruidhinn air peinnseanan is rudan mar sin," thuirt Alasdair Crow, bho Bu Chòir.

"Bidh sinn dìreach a' bruidhinn air beachdan agus dè dh'fhaodainn a dhèanamh le neo-eisimeileachd is rudan mar sin.

"Chan eil sinn a' bruidhinn air na rudan cruaidh," thuirt e.

Poileataigs

Tha Nas Fheàrr Còmhla ge-tà, den bheachd gu bheil barrachd a' taobhadh leothasan.

"Cha tug mi riamh cus feart do na cunntasan-beachd, seach gum faodar an atharrachadh," thuirt Jordan Scott.

"A thaobh nan dorsan, tha mi a' faicinn sa bhitheantas gu bheil tòrr taic ann don Aonadh.

"Tha daoine ann cuideachd a th' airson neo-eisimeileachd, ach saoilidh mi gu bheil "a' mhòr-chuid bhalbh" againne," thuirt e.

Seach gu bheil an dòigh sa bheil daoine a' sealltainn ùidh ann am poileataigs san deasbad seo na annas, tha ceist ann am mair e ann an taghaidhean is deasbadan eile.

"Tha e air a bhith iongantach dhomh a' faicinn mar a tha sluagh na h-Alba air ùidh a ghabhail ann am poileataigs, 's dòcha le P bheag, airson an reifreinn a tha seo," thuirt Ruairidh MacIllEathain.

"Roimhe seo cha robh cus ùidh aig a' chuid as motha de dhaoine, agus bha droch bheachd aca air poileataigs. Ach tha seo air atharrachadh gu mòr.

"Sin as coireach gu bheil mi caran misneachail mu dheidhinn na tha a' dol a thachairt air an 18mh, agus cuideachd na thachras às dèidh làimhe, gum bi ùidh aig an t-sluagh, mu dheireadh thall, gu mòr ann am poileataigs, agus tha sin a' dùsgadh às ùr," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile