Bidh obair an iasgaich na prìomhachas nàiseanta

Iasgair Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt Ailig Salmond gu bheil gnìomhachas an iasgaich a' cur £550m ri eaconamaidh na h-Alba gach bliadhna.

Bidh obair an iasgaich na prìomhachas nàiseanta ann an Alba neo-eisimeileach, a rèir a' Phrìomh Mhinisteir Ailig Salmond.

A' bruidhinn aig coinneimh ann am Margaidh Èisg Cheann Phàdraig Dihaoine, dh'innis am Prìomh Mhinistear do dh'iasgairean gum bi bhòt Bu Chòir a' ciallachadh nach tèid beachdachadh air a' ghnìomhachas mar rud a ghabhas a chur chun an dàrna taobh tuilleadh, mar a rinn Westminster roimhe.

Dh'ainmich Mgr Salmond còig buannachdan a thig chun a' ghnìomhachais an lùib neo-eisimeileachd:

  • Bidh an t-iasgach na phrìomhachas nàiseanta
  • Riochdachadh dìreach san AE agus comas barganachadh mu ar prìomhachasan gun cho-rèiteachadh
  • Dìon air cuotathan èisg na h-Alba
  • Earrainn nas cothromaiche de bhuidseat iasgaich an AE
  • Cinnt gun tèid cìsean an iasgaich a chosg air a' ghnìomhachas a shanasachd ann an Alba

Air thoiseach air a' choinneimh, thuirt Mgr Salmond: "'S i Alba aon de na dùthchannan as beartaiche san t-saoghal, nas soirbheachail gach pearsa na an RA, an Fhraing agus Iapan. Tha gnìomhachas an iasgaich mar phàirt cudromach den sin, a' cur £550m ri eaconamaidh na h-Alba gach bliadhna, a thuilleadh air a bhith a' cuideachadh le gnìomhachas a' bhidhe 's na dibhe, anns a bheil luach cha-mhòr £14bn sa bhliadhna, a neartachadh.

"'S e cothrom mòr a th' ann am bhòt Bu Chòir do ghnìomhachas an iasgaich. Tha e a' ciallachadh nach tèid beachdachadh air mar "rud a ghabhas a chur chun an dàrna taobh" tuilleadh, mar a rinn Westminster roimhe.

'Earrainn nas cothromaiche'

"'S e gnìomhachasan mhìorbhaileach a th' ann an iasgach is biadh-mara na h-Alba, 's tha pàirt mhòr aca ri chluiche nur soirbheachas eaconamach. Mar thoradh air an sin, tha iad gu mòr nas cudromaiche do dh'Alba na tha iad dhan RA air fad, agus airson an adhbhar sin bidh iad nam prìomhachas na prìseile ann an Alba neo-eisimeileach - gu dearbha, bidh iad mar phrìomhachas nàiseanta.

Image copyright PA
Image caption Thuirt am Prìomh Mhinistear gum bi obair an iasgaich na prìomhachas nàiseanta ann an Alba neo-eisimeileach.

"'S ann le neo-eisimeileachd a-mhàin a gheibh gnìomhachas an iasgaich an Alba buannachd bho riochdachadh nas fheàrr, earrainn nas cothromaiche de bhuidseat an AE, agus dìon a thaobh chuotathan. Saor bho smachd Westminster, far nach eil e na phrìomhachas nàiseanta, thig spionnadh air roinn an iasgaich.

"Bheir neo-eisimeileachd dhuinn an guth a tha a dhìth gus earrainn nas cothromaiche fhaighinn de bhuidseatan na Roinn Eòrpa airson ar n-iasgairean agus an gnìomhachas anns an fharsaingeachd a chuideachadh. Ao-coltach ri Riaghaltas na RA, a th' air a bhith a' feuchainn ris na buidseatan a ghearradh - a' fàgail Alba san treas àite mu dheireadh sna clàran lìge a thaobh maoin iasgaich na h-Eòrpa.

"Nì sinne sabaid airson cùmhnant nas cothromaiche, far am bi maoin na h-Alba a rèir meud a' ghnìomhachais."

Tha Nas Fheàrr Còmhla ge-tà, air a ràdh gun tuirt Caidreachas Iasgairean na h-Alba (SFF) gun deach an cùmhnant a chaidh aontachadh do dh'iasgairean leis an AE, a chaidh a bharganachadh leis an RA, "a shabaid gu cruaidh" agus gun robh e " soirbheachail" air a' cheann thall.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile