Iomairt nan Làbarach a' teinneachadh

Johann NicLaomainn Image copyright Getty Images
Image caption Tha Johann NicLaomainn a' cur ìmpidh air an luchd-bhòtaidh bhòt "air gheall" do neo-eisimeileachd a sheachnadh.

Tha luchd-poileataigs Làbarach air crathadh a thoirt air an iomairt gus toirt air luchd-taic a' phàrtaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba a dhiùltadh.

Chuir ceannard a' phàrtaidh ann an Alba, Johann NicLaomainn, ìmpidh air an luchd-bhòtaidh bhòt "air gheall" do neo-eisimeileachd a sheachnadh.

Rinn an t-seann Phrìomhaire Gòrdan Brown ath-aithris air gealltanas nan Làbarach cumhachdan ùra a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba.

Ach thuirt am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond gun robh talamh an referendum a' gluasad fo chasan nan Làbarach.

Bha Ms NicLaomainn ag iomairt airson bhòt "Cha Bu Chòir" air an 18mh là den t-Sultain ann an teis-meadhan roinn-taghaidh Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon.

Thuirt ceannard nan Làbarach gu bheil dithis às gach triùir san sgìre an dùil bhòtadh airson Alba fuireach mar phàirt den RA.

Rannsachadh YouGov

Le beagan làithean air fhàgail ron bhòt, tha luchd-poileataigs Nàiseantach air a bhith a' feuchainn ri luchd-taic nan Làbarach a thàladh gu bhòt airson neo-eisimeileachd, le Ms Sturgeon ag ràdh gum faodadh bhòt "Bu Chòir" cuideachadh gus am Pàrtaidh Làbarach ath-bheothachadh, 's iad air a bhith a-mach à cumhachd aig Holyrood airson còrr is seachd bliadhna.

Dh'aidich Ms NicLaomainn gum biodh cuid den fheadhainn a bhòt airson nan Làbarach ann an Taghaidhean na h-Alba 2011 a-nis a' cur taic ri neo-eisimeileachd.

Ach thuirt i cuideachd gum biodh barrachd den fheadhainn a chur taic ris an SNP san taghadh sin a' bhòtadh airson Alba fuireach mar phàirt den RA an ceann nas lugha na cola-deug.

A rèir nan Làbarach, dh'fhoillsich rannsachadh YouGov gum biodh 20% de dhaoine a chur taic ris an SNP sna taghaidhean mu dheireadh aig Holyrood a' bhòtadh "Cha Bu Chòir" san referendum mu neo-eisimeileachd - còrr is 180,000 neach.

Tha sin an coimeas ri còrr is 176,000 duine a' bhòt airson nan Làbarach ann an 2011 agus a tha a' dol a bhòtadh "Bu Chòir" san referendum, thuirt na Làbaraich.

'Bhòt air gheall'

Thuirt Ms NicLaomainn: "Tha fios gu bheilear ag iarraidh air luchd-bhòtaidh Làbarach is luchd-bhòtaidh Nàiseantach, agus daoine thar na dùthcha, bhòt air gheall a thoirt do neo-eisimeileachd agus gum bi a h-uile dad ceart gu leòr, air dhòigh air choireigin, a dh'aindeoin 's gum bi dùbhlain nas motha ro sheirbheisean poblach."

Tha i fhathast a' cumail a-mach gun do shoirbhich leis a' Phàrtaidh Nàiseantach ann an 2011 "a dh'aindeoin an cuid phoileasaidh mu neo-eisimeileachd".

Thuirt i cuideachd: "Ann an roinn-taghaidh Nicola Sturgeon air taobh a deas Ghlaschu, bha sinn a' bruidhinn ri daoine a tha a' cur taic ris na Làbaraich agus na Nàiseantaich, agus tha sinn air dithis luchd-bhòtaidh "Cha Bu Chòir" a lorg airson gach aon "Bu Chòir"."

Aig a' cheart àm, ann an òraid ann an Lunnainn, thuirt Mgr Brown gun deadh a h-uile oidhirp a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gun deadh cumhachdan ùra a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba anns a' bhad, an dèidh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd.

Tha na trì prìomh phàrtaidhean aig Westminster air pàipearan fa leth fhoillseachadh mu chumhachdan a bharrachd do Holyrood ma thèid neo-eisimeileachd a dhiùltadh.

Thuirt Mgr Brown: "Chan eil seo coltach ri 1979 nuair a gheall an Riaghaltas Tòraidheach atharrachadh a chaidh a dhiùltadh an dèidh làimh. Tha seo coltach ri 1997 nuair a nochd an Riaghaltas Làbarach agus, taobh a-staigh bliadhna, a choilean iad an gealltanas air Pàrlamaid do dh'Alba."

'Poileataigs pàrtaidh'

Mar fhreagairt do Mhs NicLaomainn agus Mgr Brown, rinn Mgr Salmond ath-aithris air a bheachd gu bheil na Làbaraich "san leabaidh cuide ris a' Phàrtaidh Tòraidheach".

Dh'innis e dhan BhBC: "Tha coltas orra gu bheil iad an sàs ann an iomairt taghaidh, agus uaireigin cuimhnichidh iad nach ann mu phoileataigs pàrtaidh a tha seo idir.

"'S ann mu àm ri teachd na dùthcha a tha seo. 'S e referendum a tha seo a tha a' dol thairis air neach fa leth, thairis air pàrtaidh poileataigeach. 'S ann a tha e mu bhith a' toirt cothrom do dhaoine bhòtadh mu àm ri teachd na h-Alba.

"Nam b' e mise Johann NicLaomainn, bheirinn sùil air na ceudan mhìltean de dhaoine ann an Alba as àbhaist a bhith a' bhòtadh airson nan Làbarach agus tha air co-dhùnadh, o chionn ghoirid, gu bheilear a' cur taic ri "Bu Chòir".

"Tha an àireamh sin a' fàs gach là," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile