Dithis air bàsachadh ann an tubaistean

Chaidh dithis a mharbhadh ann an tubaistean rathaid air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan air an deireadh-sheachdain.

Chaill fireannach òg a bheatha is chaidh ceathrar eile a ghoirteachadh ann an tubaist ann an Uibhist a Deas oidhche Shathairne.

Thachair an tubaist faisg air Dalabrog mu 9:00f agus chaidh am prìomh rathad, an A865, a dhùnadh airson grunn uairean de thìde fhad 's a bha rannsachadh ga dhèanamh.

Chaidh an duine a chaochail ainmeachadh gu h-ionadail mar Carl Mac a' Phì, 19.

Fhuair triùir, dithis a tha 16 is fear a tha 19, cobhair ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh.

Chaidh fear eile a tha 16 a thoirt dhan ospadal ann an Glaschu agus tha e a-nise air faighinn dhachaidh.

Thathas a' tuigsinn gun robh na fireannaich sa chàr a' tilleadh dhachaigh à geama ball-coise ann an Èirisgeigh an nuair a thachair an tubaist.

Chaidh boireannach a mharbhadh ann an tubaist rathaid ann an Dùthaich MhicAoidh feasgar Dhisathairne.

Thuirt Poilis na h-Alba gun robh i a' siubhal air baidhsagal air an A836 faisg air a' Bhlàran Odhar mu 3:15f an uair a chaidh a leagail le làraidh.

Chaidh am boireannach ainmeachadh mar Anna Roots, 34, à Lunnainn.

Bha i ann an Alba air cuairt bhaidhsagal eadar Taigh Iain Ghròt is Lands End gus airgead a thogail do rannsachadh aillse.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile