94 air an Tairbeart gus Eaglais na h-Alba fhàgail

Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Image caption Tha coithional Eaglais na h-Alba am measg ghrunn a tha air a bhith an-fhoiseil mu sheasamh na h-Eaglaise air ministearan gèidh.

Tha cha-mhòr 100 duine bho choithional Eaglais na h-Alba air an Tairbeart air bhòtadh an Eaglais fhàgail is iad mì-thoilichte le a seasamh air ministearan gèidh.

Bhòt Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba an-uiridh gus ministearan gèidh a cheadachadh, ged nach bi bhòt dheireannach ann gu 2015.

Tha an coithional air an Tairbeart am measg ghrunn a tha air a bhith an-fhoiseil mun ghnothach is chuir iad rompa bhòtadh air.

Fhuair iad toradh na bhòt Là na Sàbaid.

Bhòt 131 airson fuireach san Eaglais is 94 airson falbh.

Bha 87 de na buill nach do bhòt.

Chan eil ministear aig a' choithional an-dràsta ach thathas a' tuigsinn gu bheil a' mhòr-chuid de sheisean na h-Eaglaise am measg an fheadhainn a tha airson fàgail.

Coithional ùr

Tha coltas ann aig an ìre seo gum falbh an fheadhainn a tha airson sin a dhèanamh ro dheireadh na mìos seo agus gun stèidhich iad coithional ùr air an Tairbeart a bhiodh na phàirt den Eaglais Shaoir.

Thuirt Eaglais na h-Alba gu bheil iad duillich gu bheil cuid a' fàgail na h-Eaglaise.

Dh'innis iad gum bi ionndrainn orra is gu bheil iad a' guidhe gach soirbheachais dhaibh.

Thuirt an Eaglais ge-tà, gu bheil iad air am misneachadh gu bheil uimhir 'son fuireach còmhla riutha is gur ann dha na daoine sin a tha an dleastanas aca.

Dhearbh iad gun lean adhradh air an Tairbeart leis an Urr. Cailean Caskie mar mhodaràtair eadar-amail is an t-Urr. Dòmhnall MacGillFhinnein a' dol na lòcam.

Dh'innis an Eaglais Shaor gun cuireadh iad fàilte air cothrom dachaigh a thoirt do choithional ùr air an Tairbeart.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile