Luach an Not a' tuiteam an dèidh cunntas-bheachd

Alasdair Darling ag iomairt
Image caption Thuirt Alasdair Darling gu bheil e follaiseach gu bheil "cùisean air leth teann" a thaobh an referendum, ach nach robh adhbhar clisgeadh.

Tha luach an Not air tuiteam an dèidh do chunntas-bheachd bho YouGov sealltainn gun robh an iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd air a dhol air dheireadh san iomairt airson a' chiad uair, air thoiseach air an referendum air an 18mh là den t-Sultain.

Thuit an Not mu 1.3% an aghaidh an Dolair Aimeireaganaich; aig $1.61, sin an ìre as ìsle ann an 10 mìosan.

Thàinig cuideachd lùghdachadh sna h-earrainnean aig companaidhean aig a bheil ceangal ri Alba.

Thuit earrainnean Standard Life, a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann, 3%, thuirt Banca Rìoghail na h-Alba 2.4% agus thuit a' Bhuidheann Lloyds, leis a bheil Banca na h-Alba agus Scottish Widows, 2.7%. Ged a thàinig piseach nas fhaide den là, cha robh cùisean fhathast ro dheimhinneach.

Gheall an Seansalair, Seòras Osborne, Là na Sàbaid gun deadh "plana gnìomha" a chur air dòigh gus barrachd chumhachdan a thoirt do dh'Alba.

Tha an SNP air na molaidhean sin a dhiùltadh, ag ràdh nach eil ann ach brìb aig a' mhionaid mu dheireadh.

Thàinig seo an dèidh do chunntas-bheachd bho YouGov sealltainn gun robh an iomairt airson neo-eisimeileachd air a dhol air thoiseach san iomairt airson a' chiad uair, air thoiseach air an referendum air an 18mh là den t-Sultain.

A h-uile bhòt

Thuirt Mgr Osborne Là na Sàbaid gun deadh "plana gnìomha" a chur air dòigh sna beagan làithean a tha romhainn gus "barrachd chumhachdan a thoirt do dh'Alba; barrachd chumhachdan a thaobh chìsean; barrachd chumhachdan a thaobh caitheimh; barrachd chumhachdan a thaobh na stàite shochairean".

Image copyright PA
Image caption Sheall cunntas-bheachd a rinn YouGov gun robh Bu Chòir dà phuing air thoiseach.

A' bruidhinn ris a' BhBC, thuirt Mgr Darling gu bheil e follaiseach gu bheil "cùisean air leth teann" a thaobh an referendum, ach nach robh adhbhar clisgeadh.

Thuirt e: "Tha sinn ann an suidheachadh a-nis far am faodadh a h-uile neach-bhòtaidh ann an Alba buaidh a thoirt air an referendum taobh-seach-taobh.

"Ach tha mi misneachail gun dèan sinn a' chùis oir tha sealladh uabhasach làidir, deimhinneach againn de mar a dh'fhaodadh Alba a bhith, a thaobh nan cothroman agus na tèarainteachd a thig le bhith mar phàirt den RA, Pàrlamaid Albannach nas neartmhoire, le tuilleadh chumhachdan mar a tha muinntir na h-Alba ag iarraidh, agus gabhaidh sin a dhèanamh gun a bhith a' briseadh na dùthcha."

Thuirt Mgr Darling nach deadh cumhachdan ùra ainmeachadh nach deach fhoillseachadh leis na trì prìomh phàrtaidhean ann an Westminster na bu tràithe am-bliadhna.

Thuirt e: "Chaidh na cumhachdan a bharrachd a tha a' tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba fhoillseachadh le ceannardan nam pàrtaidhean, air taobh a tuath agus deas na crìche, o chionn greis.

"Tha daoine air a ràdh, 'Tha sinn ag iarraidh fiosrachaidh mun chlàr-ama agus mun phròiseas' agus 's e sin a tha an Riaghaltas a' dol a dh'fhoillseachadh an t-seachdain seo.

"Ach cuimhnich, 's e referendum a tha seo mu co-dhiù am fuirich sinn anns an Rìoghachd Aonaichte no nach fuirich. Chan e referendum mu dè na cumhachdan a bharrachd a tha sinn a' dol a dh'fhaighinn a th' ann. Tha sinn a' dol gam faighinn co-dhiù, ma dh'fhuiricheas sinn anns an Rìoghachd Aonaichte."

Tha ceannard nan Làbarach aig Westminster, Ed Miliband, air aontachadh le Mgr Osborne, ag ràdh gum bu chòir am pròiseas gus tuilleadh chumachadan a thoirt do dh'Alba tòiseachadh anns a' bhad an dèidh bhòt "Cha Bu Chòir".

"Clisgeadh"

Thuirt ceannard an SNP, Ailig Salmond, gur e "ceum clisgeach" a chaidh fhoillseachadh gun chreideas a bh' ann, air sgàth 's gun robh an iomairt Bu Chòir air thoiseach.

Image copyright PA
Image caption Thuirt Iain Swinney gu bheil an luchd-bhòtaidh a' gluasad a dh'ionnsaigh Bu Chòir.

Dh'innis Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, dhan BhBC gun robh e cothromach a ràdh gun robh cunntasan-bheachd fhathast a' sealltainn gun robh an iomairt Bu Chòir fhathast air dheireadh anns an fharsaingeachd, ach gun robh dithis às gach triùir den luchd-bhòtaidh nach robh air aontachadh dè an taobh a bhòtadh iad a' gluasad a dh'ionnsaigh Bu Chòir.

Thuirt e: "Tha an gluasad fàbharach dhuinne agus tha an iomairt air ùidh mhòr agus gnìomhachd agus com-pàirteachas a dhùsgadh air feadh Alba. Tha mise den bheachd gur e neart foghainteach na h-iomairt "Bu Chòir" a tha ga bhrosnachadh.

A' toirt iomradh air na dh'fhoillsich Mgr Osborne, thuirt Mgr Swinney: "Chan eil càil ùr ga thabhann an t-seachdain seo. 'S dòcha gum faigh sinn clàr-ama, ach a' bhrìgh, na cumhachdan fhèin, an rud a tha cudromach, rinn Alasdair Darling gu math follaiseach an-dè - a' cur an aghaidh na thuirt Seòras Osborne - nach bi càil ùr sam bith anns a' bhrìgh.

"Ma bheir mi sùil air na tha am Pàrtaidh Làbarach, na Libearalaich agus na Tòraidhean a' tabhann, tha iad uile eadar-dhealaichte. Chan urrainn dhomhsa innse dhuibh an-diugh, agus cha b' urrainn do dh'Alasdair Darling, dè dìreach a bhiodh ri fhaotainn bhon t-sealladh ùr a tha seo. Tha e neo-chinnte agus chaidh e uile a thabhann roimhe.

"An dàrna puing, 's e gun deach innse do dh'Alba ann an 1979 gum faighear pàrlamaid na bu làidire nam bhòtadh iad an aghaidh neo-eisimeileachd san referendum, ach 's e a fhuair sinn ach riaghaltas Tòraidheach dha nach do bhòt sinn airson 18 bliadhna, lèirsgrios gnìomhachais agus gun phàrlamaid.

"Mar sin, a' coimhead ri eachdraidh na h-Alba, 's e cnag na cùise, airson a bhith cinnteach gum bi cumhachdan làidir aig Pàrlamaid na h-Alba, bu chòir bhòtadh "Bu Chòir" anns an referendum seachdain bho Dhiardaoin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile