Brown air clàr-ama a mhìneachadh

Gòrdan Brown Image copyright Reuters
Image caption Tha dùil gun cuir na trì prìomh phàrtaidhean aig Westminster taic ri planaichean Mhgr Brown Dimàirt.

Tha an t-seann Phrìomhaire Gòrdan Brown air clàr-ama a mhìneachadh airson barrachd chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba ma dhiùltas an luchd-bhòtaidh neo-eisimeileachd.

Thuirt e gur e bhòt "Cha Bu Chòir" an "gunna tòiseachaidh" gus cumhachdan a bharrachd a thoirt do Holyrood a thaobh chìsean, ionmhas agus sochairean.

Tha dùil gun cuir na trì prìomh phàrtaidhean aig Westminster taic ri planaichean Mhgr Brown Dimàirt.

Dhiùlt an SNP na molaidhean sin, ag ràdh gun robh an iomairt Nas Fheàrr Còmhla a' clisgeadh.

Thuirt labhraiche bho Shràid Downing mu na dh'fhoillsich Mgr Brown: "Tha sinn a' cur fàilte air an iomairt Làbaraich seo agus tha sinn riaraichte leis a' chlàr-ama a chaidh a mholadh."

Gheall an Seansalair, Seòras Osborne, Là na Sàbaid gun deadh "plana gnìomha" a chur air dòigh gus barrachd chumhachdan a thoirt do dh'Alba.

Thàinig seo an dèidh do chunntas-bheachd bho YouGov sealltainn gun robh an iomairt airson neo-eisimeileachd air a dhol air thoiseach san iomairt airson a' chiad uair, air thoiseach air an referendum air an 18mh là den t-Sultain.

Plana

Chaidh planaichean Mhgr Brown fhoillseachadh gu h-oifigeil oidhche Luain 's e a' toirt seachad òraid aig cluba mhèinnearan ann am Meadhan Lodainn.

Dh'innis e:

  • gun deadh tòiseachadh air an reachdas ùr air an 19mh là den t-Sultain, an là an dèidh na bhòta.
  • gun deadh "pàipear stiùiridh" fhoillseachadh le Riaghaltas na RA, a' toirt mìneachaidh air na h-atharrachaidhean a tha san amharc, ro dheireadh an Dàmhair.
  • gun deadh pàipear geal a chur ri chèile ro dheireadh na Sultaine, an dèidh co-chomhairleachaidh, le fios mu na cumhachdan air a bheilear a' beachdachadh.
  • gun deadh dreachd de reachdas ùr fhoillseachadh, airson Achd Albannach ùr, san Fhaoilleach.

An dèidh làimh, rinn Mgr Brown ath-aithris air na cumhachdan ùra a bhiodh na Làbaraich a' putadh, ann an 12 raointean poileasaidh.

Thuirt e: "Cha b' urrainn do Westminster cìs nan seòmraichean-cadail a sparradh oirnn gu bràth tuilleadh oir bheireadh sinn a' chumhachd gus sochairean taigheadais a stèidheachadh do na Làbaraich agus a h-uile duine eile anns a' Phàrlamaid Albannaich.

"'S e atharrachaidhean mòra a tha sinn a' moladh an seo. Airson a' Phàrlamaid Albannach a neartachadh ach, aig a' cheart àm, fuireach mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte airson peinnseanan, airson tèarainteachd shòisealta, airson ar seirbheis slàinte a mhaoineachadh, airson ar n-airgead, ìre an rèidh, an eaconamaidh, dìon agus tèarainteachd."

Na bu tràithe air an là, thuirt labhraiche bho Shràid Downing nach robh clàr-ama Mhgr Brown "millean mìle air falbh o na beachdan againne", le labhraiche eile ag ràdh: "Tha seo co-shìnte ri na thàinig o chòmhraidhean thar-phàrtaidh."

'Ceannardan nam pàrtaidhean'

Air thoiseach air òraid Mhgr Brown, dhearbh ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, Alasdair Darling, nach deadh cumhachdan ùra ainmeachadh nach deach fhoillseachadh leis na trì prìomh phàrtaidhean ann an Westminster na bu tràithe am-bliadhna.

Thuirt e: "Chaidh na cumhachdan a bharrachd a tha a' tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba fhoillseachadh le ceannardan nam pàrtaidhean, air taobh tuath agus deas na crìche, o chionn greis.

"Tha daoine air a ràdh, 'Tha sinn ag iarraidh fiosrachaidh mun chlàr-ama agus mun phròiseas' agus 's e sin a tha an Riaghaltas a' dol a dh'fhoillseachadh an t-seachdain seo.

"Ach cuimhnich, 's e referendum a tha seo mu co-dhiù am fuirich sinn anns an Rìoghachd Aonaichte no nach fuirich. Chan e referendum mu dè na cumhachdan a bharrachd a tha sinn a' dol a dh'fhaighinn a th' ann. Tha sinn a' dol gam faighinn co-dhiù, ma dh'fhuiricheas sinn anns an Rìoghachd Aonaichte."

Thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, gun robh na planaichean airson tuilleadh chumhachdan a thoirt do phàrlamaid Dhùn Èideann nan "ceum clisgeach" a chaidh fhoillseachadh gun chreideas, air sgàth 's gun robh an iomairt Bu Chòir air thoiseach.

A' bruidhinn às leth Bu Chòir Alba, thuirt Bob MacThòmais, am fear-iomairt do Labour for Independence a bha uair na chathraiche air Pàrtaidh Làbarach na h-Alba: "Tha e follaiseach gu bheil an iomairt Nas Fheàrr Còmhla a' clisgeadh agus neo-dhòchasach agus iad air a dhol air dheireadh sna cunntasan-bheachd.

'Na cumhachdan air fad'

"Chan eil Gòrdan Brown ann an suidheachadh far am faod e rud sam bith a thabhann - 's e ball air na beingean-cùil a th' ann, agus 's iad na Tòraidhean a th' ann an cumhachd aig Westminster.

"'S iad na roghainnean a th' againn - bhòtadh Bu Chòir gus am faighear na cumhachdan air fad a tha a dhìth gus obraichean a chruthachadh agus NHS na h-Alba a dhìon, no Cha Bu Chòir airson riaghladh Tòraidheach."

Chuir ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, fàilte air molaidhean an t-seann Phrìomhaire, 's e a' toirt seachad òraid aig dinnear an TUC.

A' bruidhinn ann an Liverpool, thuirt e gun robh mòran aonaidhean-ciùird ag iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd airson "dlùth-phàirteachas agus ceartas sòisealta".

Tha Mgr Miliband a' cumail a-mach gun deadh an clàr-ama a chaidh a mhìneachadh le Mgr Brown a choileanadh le na Làbaraich nan soirbhicheadh leotha san taghadh choitcheann sa Chèitean 2015.

"Chan eil bhòt airson Nas Fheàrr Còmhla san referendum a' ciallachadh nach tig atharrachadh sam bith, nì sinne atharrachaidhean, tha sinn daingeann mun sin," thuirt e.

"Atharrachaidhean airson ceartas sòisealta nas fheàrr ann an Alba agus cuideachadh atharrachaidhean airson tuilleadh fèin-riaghlaidh an Alba. Tha fios againn gu bheil atharrachaidhean a dhìth agus 's e bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd a choileanas sin."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile