Buntàta
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Gnìomhachas a' bhidhe 's na dibhe

8 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha gnìomhachas bìdh agus dibhe na h-Alba air atharrachadh gu mòr san 20 bliadhna mu dheireadh, chun na h-ìre 's gu bheil feòil, maorach agus dearcan na dùthcha a-nis cliùiteach air feadh an t-saoghail.

An t-seachdain seo, dh'fhoillsich Banca na h-Alba aithisg a tha ag ràdh gun gabhadh 10,000 cosnadh a bharrachd a chruthachadh sa ghnìomhachas sa chòig bliadhna ri teachd.

Le Cola-deug Bìdh agus Dibhe na h-Alba dìreach air tòiseachadh, tha an tè-naidheachd phoileataigeach againn, Iona NicRisnidh, a' toirt suil air a' ghnìomhachas, agus an àite a th' aige ann an deasbad an referendum.