Dragh mun A87
- Air fhoillseachadh

Tha muinntir Sgonnsair air litir a chur a dh'ionnsaigh Poilis na h-Alba is dragh orra mu cho sàbhailte 's a tha am prìomh rathad tron sgìre.
A rèir Comhairle Coimhearsnachd Sgonnsair, 's e cumadh an A87 a bu choireach airson dà thubaist mhairbhteach as t-Samhradh seo.
"S e an camber a th' air an rathad, tha e a' tilgeil daoine dhan taobh thall, a' dol sìos an rathad co-dhuibh", thuirt cathraiche na Comhairle Coimhearsnachd, Eachann MacLeòid.
"Tha na còrnairean gu math cumhang air an rathad, tha e dìreach doirbh fhaighinn timcheall orra", thuirt e.
Thuirt Mgr MacLeòid gu bheil e den bheachd gu bheil càraichean a-nise a' dol nas luaithe air an rathad bho chaidh obair-leasachaidh a dhèanamh air.
Dh'iarr Mgr MacLeòid gun dèan na h-Ùghdarrasan sgrùdadh air cumadh an rathaid feuch an gabh atharrachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An t-Sultain 2014