"Chan e sianail Gàidhlig a th' ann am BBC ALBA"

BBC ALBA
Image caption Tha an iomairt den bheachd nach e sianail Gàidhlig a th' ann am BBC ALBA tuilleadh.

Tha tè a tha ag iomairt às leth na Gàidhlig ag ràdh nach e sianail Gàidhlig a th' ann am BBC ALBA.

Chuir an sgrìobhadair Gàidhlig, Lisa Storey, iomairt air bhonn agus i ag iarraidh air MG Alba cuir às dha na fo-thiotalan agus a' Bheurla a tha ri fhaicinn agus ri chluinntinn air an t-sianail.

Tha i den bheachd gum biodh fo-thiotalan Gàidhlig fada na b' fheàrr do dh'fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh agus gun tàladh sin daoine chun an t-sianail seach a bhith a' cur cùl ris.

"Tha mise air a bhith a' faireachdainn airson bhliadhnaichean, nach toil leam idir na fo-thiotalan," thuirt a' Bh.Ph. Storey.

Na Gàidheil

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad a' dèanamh milleadh air na prògraman.

"Tha fhios agam gun do dh'fheuch daoine aig an toiseach ri stad a chur orra. Uell, an deach èisteachd riutha? Chan eil fhios agamsa an deach. Cha do thachair càil co-dhiù.

"'S tha iad a' fàs nas miosa.

"Ach 's e rud a bha buileach gam chur às mo rian, nuair a chuala mi mun phutan dearg a tha seo.

"Dè th' agad ri dhèanamh ma tha thu airson coimhead an rugbaidh air ALBA, ach mura bheil a' Ghàidhlig agad ro mhath, no mura bheil Gàidhlig idir agad, ma tha thu ag iarraidh cluinntinn na tha na daoine ag ràdh mu dheidhinn a' gheama rugbaidh, put am putan dearg, 's gheibh thu ann am Beurla e.

"Dè tha sin ag innse dhuinn mun "t-sianail Ghàidhlig"?

"Ach 's e sianail Gàidhlig a tha seo, airson nan Gàidheal. 'S e sin a bu chòir a bhith ann, ach chan e a th' ann.

"Chan eil mise a' smaointinn gu bheil iad a' faighinn airgid gu leòr air a shon co-dhiù, ach am beagan airgid a tha iad a' faighinn, bu chòir sin a bhith air a chur gu feum ceart a thaobh na Gàidhlig, agus a thaobh nan Gàidheal a bhios ag iarraidh a choimhead.

Luchd-ionnsachaidh

"Bidh iad ag iarraidh a choimhead mura bi fo-thiotalan air.

"Fo-thiotalan Gàidhlig, chuidicheadh sin daoine a tha ag ionnsachadh cuideachd.

"Agus chuidicheadh e cuideachd daoine nach eil math air Gàidhlig a leughadh - sin Gàidheil fhèin a-rithist, air ais dha na Gàidheil fhèin.

"Chuidicheadh sin iadsan leis an leughadh aca, o chionn 's cha d' fhuair iad a' Ghàidhlig anns an sgoil 's dòcha.

"Ach tha mise a' faireachdainn gum biodh ùidh mhòr aig luchd-ionnsachaidh ann am fo-thiotalan Gàidhlig," thuirt i.

Tha a' Bh.Ph. Storey gu bheil i den bheachd gu bheil cùisean air ìre a ruighinn far nach e sianail Gàidhlig a th' ann am BBC ALBA tuilleadh.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil sin air tachairt, bho chionn treis a-nis.

"Cha-mhòr gum bi mise ga choimhead a-nis co-dhiù. Dh'fhàs mi cho seachd searbh den a h-uile rud a tha seo.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil daoine eile an aon rud. Gu bheil iad a' faireachdainn an aon rud ach chan eil iad ag ràdh càil mu dheidhinn, tha iad dìreach ann an dòigh air dìochuimhneachadh mu dheidhinn.

"'S e call mòr a tha sin," thuirt i.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul bho MG Alba, gum feum fo-thiotalan a bhith air an t-sianail.

"Tha fo-thiotalan a' tighinn mar fhiachadh air sianalan craolaidh sam bith," thuirt e.

"Tha iad a' tighinn air BBC ALBA mar dhleastanas bhon riaghladair Ofcom.

"Agus cuideachd tha iad mar inneal airson na prògraman fhosgladh a-mach gu daoine aig nach eil Gàidhlig. Tha an t-uallach a tha sin a' tighinn air an t-sianail bho Urras a' BhBC.

"Tha e air a ràdh gum bu chòir dhan t-sianail a bhith a' ruigsinn air còrr is 500,000 neach gach seachdain.

"'S e sin rud a tha BBC ALBA air a bhith a' dèanamh, agus gu math soirbheachail.

"Mar sin, bithidh na fo-thiotalan ann, feumaidh iad a bhith ann mar sheirbheis chraolaidh. Tha iad uabhasach feumail dhan t-sianail agus do chliù agus inbhe na Gàidhlig anns an fharsainneachd.

Mìneachadh

"Tha an t-sianail mar sheirbheis do na Gàidheil. Na daoine aig a bheil Gàidhlig, agus a tha ag ionnsachadh Gàidhlig, tha e bunaiteach dhaibh, agus mar sin 's e gnothach làitheil a bu chòir a bhith ann dhaibhsan.

"Aig an aon àm tha sinn ag aithneachadh gum bu chòir, aig diofar amannan tron t-seachdain - chan e a h-uile prògram 's chan e a h-uile là 's dòcha - ach aig diofar amannan tron t-seachdain, gum bi cuid de na prògraman feumail no luachmhor dha na daoine a tha a' fuireach ann an Alba san fharsainneachd, ma tha Gàidhlig aca no nach eil.

"Tha sinn a' cur roghainn de phrògraman a-mach a tha feumail san dòigh sin, gu h-àraid spòrs - rud a chì thu le do shùilean agus nach eil feum air mòran mìneachaidh ann an cànan sam bith - ceòl a tha thu ag èisteachd, agus a-rithist, chan eil na h-uiread de dh'fheum air mìneachadh tro chànan a thaobh ciùil, agus prògraman aithriseach, gu h-àraid.

"Tha ùidh mhòr aig muinntir na h-Alba ann am prògraman aithriseach. Agus ma tha fo-thiotalan Beurla fo na prògraman aithriseach a tha sin, faodaidh iad leantainn nam prògraman," thuirt e.

Maoineachadh

Ghabh Mgr Caimbeul ris gur e deagh rud a bhiodh ann roghainn eadar fo-thiotalan Gàidhlig agus Beurla a bhith air an t-sianail, ach thuirt e nach e rud a th' ann a ghabhas dèanamh aig an ìre seo.

"Mar a tha sinn an-dràsta, chan eil an teicneòlas againn air BBC ALBA a cheadaicheas na roghainnean a tha sin a bhith aig daoine.

"A bharrachd air sin, tha e mar dhleastanas air an t-sianail fo riaghailtean a chaidh aontachadh le Urras a' BhBC agus le Ofcom a-rithist, gum biodh na fo-thiotalan anns a' Bheurla, airson na prògraman fhosgladh a-mach gu daoine aig nach eil Gàidhlig airson deagh adhbharan airson na Gàidhlig na lùib, ach cuideachd airson adhbharan craolaidh.

"Agus feumaidh sinn a bhith a' cuimhneachadh gur e seirbheis chraolaidh a tha seo do mhuinntir na h-Alba tro mheadhan na Gàidhlig.

"Anns an t-saoghal cheart a bhiodh sinn ag iarraidh air fad, bhiodh roghainn againn dè na fo-thiotalan a bha sinn ag iarraidh - Gàidhlig no Beurla.

"'S e sianail Gàidhlig a th' ann am BBC ALBA, chan eil teagamh sam bith mu dheidhinn sin. Tha na prògraman air fad air BBC ALBA tro mheadhan na Gàidhlig.

"'S dòcha gum bi corra phrògram an siud 's an seo a chaidh a dhèanamh anns a' Bheurla a' cur taic ri prògraman Gàidhlig.

"Ach tha sin a' tachairt fìor chorra uair, agus mar sin, tha a h-uile prògram a tha sibh a' faicinn air BBC ALBA, an ìre mhath, 's e prògram Gàidhlig a th' ann," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile