Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Tha am BBC a' tuigsinn gun cuir pàrtaidhean mòr an Aonaidh an ainmean ri gealladh gum bi Achd Albannach ùr ann an Òraid na Banrigh às dèidh an taghadh choitcheann ann an 2015. Chuir ceannardan nam pàrtaidhean Tòraidheach, Làbarach agus Lib-Deamach ann an Alba cùl-taic an-diugh ris an clàr-ama a dh'fhoillsich Gòrdan Brown a-raoir. Thuirt an t-seann phrìomhaire, ma bhòtas Alba airson fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte, gun tòisicheadh còmhraidhean an là às dèidh an referendum air dè na cumhachdan ùr a dheadh a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba. Thuirt ceannard Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Westminster, Aonghas Robasdan, nach robh am plana a' dol fada gu leòr, agus gun robh luchd an aonaidh fada ro anmoch ann a bhith ga thabhainn.

Luchd-fastaidh

Tha rannsachadh am measg luchd-fastaidh a' sealltainn gu bheil ìre earbsa ann am margaidhean obrach na h-Alba air tuiteam ron referendum. Tha luchd-sgrùdaidh air a bhith faighneachd do cheannardan chompanaidhean a bheil iad an dùil àireamhan luchd-obrach àrdachadh neo ìsleachadh sna trì mìosan a tha romhainn. Tha iad ag ràdh gu bheil an ìre de chompanaidhean a tha an dùil tuilleadh luchd-obrach fhastadh air tuiteam sia puingean bhon turas mu dheireadh a chaidh an ceasnachadh.

Gasaichean millteach

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gu bheil an ìre de charbon dioxide ann an speuran na cruinne air èirigh aig an ìre as luaithe airson 30 bliadhna. Fhuair an UN gun do dh'èirich an ìre de ghasaichean millteach chun an ìre as àirde riamh an-uiridh, agus gu bheil blàthachadh na cruinne air a dhol an àirde an treas uimhir bho 1990.

Ugràin

Tha an Aonadh Eòrpach air aontachadh tuilleadh smachd-bhannan a chur air Ruisia agus iad airson am peanasachadh airson an cùl-taic a tha Moscow a' toirt do reubaltaich air taobh sear na h-Ugràin. Am measg eile, thèid bacadh a chur air companaidhean ola Ruiseanach a bhith a' tionail airgid calpa ann am margaidhean Eòrpach. Cha tèid na smachd-bhannan a chur an sàs ge-tà, gus am faic oifigich an soirbhich am fois-fòirneart air taobh sear na h-Ugràin.

Àilleagan

Tha dùil gun nochd fear ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Obar Dheathain an-diugh co-cheangailte ri mar a chaidh àilleagan luach £20,000 a ghoid o bhùth anns a' bhaile air a' mhìos a chaidh. Thuirt Poileas na h-Alba gu bheil iad air casaid a chur às leth fireannach, aois 25 bliadhna, co-cheangailte ri mèirle aig bùth Northern Diamond air Sràid an Aonaidh air an 5mh là den Lùnastal.

Dachaighean

A rèir àireamhan ùra, tha còrr is trì millean teaghlach ann am Breatainn ann an cunnart an dachannan a chall ma thig lùghdachadh beag air an teachd-a-steach aca. Tha na h-àireamhan a' tighinn bho rannsachadh a chaidh a dhèanamh leis an riaghaltas agus a chaidh a mheasadh le Oilthigh Chill Rìmhinn airson a' bhuidheann charthannais Shelter.