Luchd-taic
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beachd bho Ruairidh MacIlleathain

9 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha an t-seann Phrìomhaire Gòrdan Brown air clàr-ama a mhìneachadh airson barrachd chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba ma dhiùltas an luchd-bhòtaidh neo-eisimeileachd.

Tha ceannardan nan trì prìomh phàrtaidhean a tha a' cur taic ris an Aonadh - Ceannard nan Làbarach ann an Alba, Johann NicLaomainn; Ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson; agus Ceannard nan Lib-Deamach ann an Alba, Uilleam Rennie - air an taic a chur ris a' chlàr-ama.

Tha an SNP air a ràdh ge-tà, gu bheil iomairt Nas Fheàrr Còmhla "a' call an cinn".

Bhruidhinn Iain Macaonghais ri Ruairidh MacIlleathain, a tha a' riochdachadh na h-iomairt Bu Chòir.

An toiseach, dh'fhaighnich e dha, nach eil na tha san amharc an seo a' ciallachadh gum faigh mòran an dearbh rud a bha iad ag iarraidh - cumhachdan a bharrachd, ach le bhith a' seachnadh a' mhì-chinnt a tha an cois neo-eisimeileachd?