Taic airson tuilleadh chumhachdan

Ruth Davidson, Johann NicLaomainn agus Uilleam Rennie
Image caption Sheas ceannardan Albannach nan Làbarach, nan Tòraidhean agus nan Lib-Deamach an guailibh a chèile gus an cùl-taic a chur ri clàr-ama atharrachaidh.

Tha ceannardan Albannach nan trì prìomh phàrtaidhean a tha a' cur taic ris an Aonadh air foillseachadh gu bheilear cuideachd a' cur taic ri barrachd chumhachdan do dh'Alba.

An dèidh an fhios-naidheachd, thuirt am Prìomh Mhinistear, Daibhidh Camshron, agus ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, gun robh iad a' dol a sheachnadh Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir Diciadain gus a dhol a dh'Alba.

Bha ceannardan Albannach nan Làbarach, nan Tòraidhean agus nan Lib-Deamach air seasamh an guailibh a chèile gus an cùl-taic a chur ri clàr-ama atharrachaidh.

Thuirt am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond gun robh iomairt Nas Fheàrr Còmhla "air tuiteam às a chèile".

Tha Ceannard nan Làbarach ann an Alba, Johann NicLaomainn; Ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson; agus Ceannard nan Lib-Deamach ann an Alba, Uilleam Rennie air taic a chur ris a' phlana gnìomha a chaidh fhoillseachadh leis an t-seann Phrìomhaire, Gòrdan Brown.

Thàinig an naidheachd bho thaigh-tasgaidh Dynamic Earth ann an Dùn Èideann agus cunntas-bheachd ùr air sealltainn gur e glè bheag a bha eadar an dà thaobh san deasbad air neo-eisimeileachd na h-Alba.

'A' bhòtadh airson atharrachaidh'

Thuirt Ms NicLaomainn: "Tha e comasach bhòtadh "Cha Bu Chòir" air an 18mh là den t-Sultain agus cuideachd a ràdh gu bheil thu a' bhòtadh airson atharrachaidh, airson barrachd chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba."

Thuirt i cuideachd: "Tha argamaidean poileataigeach againn uile, sin mar a tha poileataigs ag obair, ach bidh sinn ag aontachadh nuair as urrainn dhuinn, agus 's e tha sinn air a ràdh an seo, 's e gur e a tha cudromach do mhuinntir na h-Alba san deasbad seo gu bheil cinnt aca gun tig barrachd chumhachdan.

Thuirt ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson, gun robh Gòrdan Brown air plana a chur air chois a dheadh a choileanadh an dèidh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd, agus gun robh am Prìomhaire Daibhidh Camshron air taic a chur ris.

Thuirt i: "Seo an dòigh a gheibh Alba an rud as motha air a bheil iarrtas aice, sin làn-smachd is cumhachd air cuid mhath de na tha sinn a' dèanamh san rìoghachd seo, mar a tha sinn a' lìbhrigeadh sheirbheisean poblach, gun a bhith a' coiseachd air falbh o neart agus tèarainteachd na Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt Mgr Rennie, ceannard nan Lib-Deamach ann an Alba: "Tha na trì pàrtaidhean a' tighinn còmhla leis gu bheil seo cho fìor chudromach.

"Tha sinn a' dol a chur romhainn tuilleadh a sholarachadh a thaobh chìsean is sochairean, sin an gealltanas a th' againn nar seasamh an seo - cinnt a thoirt do dhaoine ann an Alba, ma bhòtas iad "Cha Bu Chòir" anns an t-Sultain, gun tachair atharrachaidhean nas raidigich air feadh Alba."

'Là sònraichte'

A' bruidhinn aig tachartas Bu Chòir Alba ann an Dùn Èideann, thuirt am Prìomh Mhinistear: "Tha mise den bheachd gur e là gu math sònraichte a tha seo ann an iomairt an referendum. 'S e seo an là a thuit iomairt Nas Fheàrr Còmhla às a chèile.

Thuirt Mgr Salmond gur e "ath-aithris, ath-sgeadachadh agus ath-chlàr de na chaidh a ràdh as t-Earrach" a bh' anns na planaichean aig Mgr Brown, ris an do chuir ceannardan nam pàrtaidhean Albannaich taic.

Tha dùil gun cuir na trì pàrtaidhean a tha a' cur taic ris an Aonadh an ainm ri gealltanas gun deadh Achd Albannach ùr - a' toirt barrachd fèin-riaghlaidh do dh'Alba an dèidh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd - a ghabhail a-steach ann an ciad Òraid na Bànrigh an dèidh Taghadh Choitcheann 2015.

Image copyright Getty Images
Image caption Tha cùisean air fàs teann eadar an dà thaobh san deasbad.

Sheall an cunntas-bheachd as ùire aig TNS gun robh 39% de dh'inbhich ris an deach bruidhinn a' cur taic ri "Cha Bu Chòir", 38% a' cur taic ri "Bu Chòir" agus 23% gun an inntinn a dhèanamh suas.

A-mach às an fheadhainn a bha dearbhte gun robh iad a' dol a bhòtadh, bha "Bu Chòir" agus "Cha Bu Chòir" co-ionann aig 41%, le 18% gun an inntinn a dhèanamh suas.

Chaidh an cunntas-bheachd, anns an robh 990 com-pàirtiche, a dhèanamh eadar an 27mh là den Lùnastal agus an 4mh là den t-Sultain.

Chuir ceannardan Albannach nan trì prìomh phàrtaidhean taic ris a' clàr-ama a chaidh a mhìneachadh le Mgr Brown, 's e a' toirt seachad òraid aig cluba mhèinnearan ann am Meadhan Lodainn.

B' iad na prìomh phuingean:

  • gun deadh tòiseachadh air an reachdas ùr air an 19mh là den t-Sultain, an là an dèidh na bhòta.
  • gun deadh "pàipear stiùiridh" fhoillseachadh le Riaghaltas na RA, a' toirt mìneachaidh air na h-atharrachaidhean a tha san amharc, ro dheireadh an Dàmhair.
  • gun deadh pàipear geal a chur ri chèile ro dheireadh na Sultaine, an dèidh co-chomhairleachaidh, le fios mu na cumhachdan air a bheilear a' beachdachadh.
  • gun deadh dreachd de reachdas ùr fhoillseachadh, airson Achd Albannach ùr, san Fhaoilleach.

Thuirt labhraiche bho Shràid Downing gun robhar "riaraichte leis a' chlàr-ama a chaidh a mholadh", fhad 's a thuirt ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, gun robh esan ag iarraidh "gun deadh am pròiseas airson tuilleadh fèin-riaghlaidh a thòiseachadh anns a' bhad an dèidh an referendum".

Tha na trì prìomh phàrtaidhean aig Westminster roimhe air molaidhean fa leth a chur air chois a thaobh tuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba.

'Naidheachd mhòr'

Chuir am BP Nàiseantach, Aonghas Robasdan, às an leth gun robhar a' tabhann "brìb aig a' mhionaid mu dheireadh".

Thuirt e: "Chan e naidheachd mhòr an là an ath-aithris a bh' aig Gòrdan Brown agus a charaidean sa phàrtaidh Tòraidheach, 's e an nàidheachd mhòr gu bheil am 'momentum' fhathast leis an iomairt 'Bu Chòir'.

"Tha taobh 'Bu Chòir' an-àirde suas sia puingean, tha taobh 'Cha Bu Chòir' air a dhol sìos sia puingean, 's tha sinn a' faicinn an t-uabhas luchd-bhòtaidh, gu h-àraidh luchd-bhòtaidh Làbarach, ag atharrachadh gu taobh 'Bu Chòir'.

"Aig a' cheart àm, tha taobh 'Cha Bu Chòir' a' clisgeadh, a' tabhann brìb a tha gu tur follaiseach do luchd-bhòtaidh na h-Alba."

Dh'fhaighnich am BP Làbarach Jim Murphy do Mhgr Robasdan co-dhiù an deadh an SNP an sàs ann an deasbad mu bhun-reachd na h-Alba nan deadh bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.

Thuirt Mgr Murphy: "Tha sinn airson a bhith gu tur soilleir nach eil daoine a tha a' bhòtadh 'Cha Bu Chòir' a' bhòtadh airson atharrachaidhean a sheachnadh. Tha atharrachadh a' tighinn.

"Mar thoradh air na thuirt Mgr Brown agus am Pàrtaidh Làbarach an-raoir, le aonta bho na pàrtaidhean eile a tha a' cur taic ris, an là an dèidh an referendum, mar a thèid toradh na bhòta fhoillseachadh, ma 's e bhòt 'Cha Bu Chòir' a th' ann, thèid gluasad a chur mu choinneimh Thaigh nan Cumantan, le molaidhean a bheir cumhachdan ùra cudromach do Phàrlamaid na h-Alba gu sgiobalta."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile