Fear ciontach de dhrabastachd air Ghàidhealtachd

Chaidh fireannach, 45 bliadhna de dh'aois, fhaighinn ciontach de bhith ri ionnsaighean drabasta air triùir nighnean òga.

Bha Cailean Dòmhnallach 11 bhliadhna de dh'aois nuair a thug e a' chiad ionnsaigh aige, air nighean a bha 10, anns a' Ghearasdan.

Thairis air sia bliadhna, dh'èignich e i cuideachd ann an diofar àiteachan ann an Inbhir Nis, far an do thòisich e cuideachd air ionnsaighean a thoirt iar nighean a bha 9.

Thug an Dòmhnallach, a bhuineas do Pheairt, cuideachd ionnsaighean air nighean ann an sgìre an Òbain. Chaidh e às àichead nan casaidean, a' cumail a-mach gun robh "cuilbheart an tòir air".

Chaidh fhaighinn ciontach le diùraidh mu choinneimh a' bhritheimh am Morair Jones aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann.

Chaidh ionnsaighean a thoirt air tè de na nighnean aig diofar amannan eadar 1981 agus 1987, agus na nigheanan eile aig amannan eile eadar 1981 agus 1983, agus 1988 is 1991.

Thuirt an Dòmhnallach, agus e a' dol às àicheadh nan casaidean, gun robh an triùir bhoireannach, nach fhaodar ainmeachadh, ri cuilbheart na aghaidh.

A' cumail an Dòmhnallaich an grèim, chuir am Morair Jones binn dheth gus am faigh a' chùirt aithisgean air a charactar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile