Ath-chuinge mu Achadh na Creige
- Published
Bheir luchd-iomairt ath-chuinge do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid Diciadain agus iomagain orra mu phlana airson seann togalach Bun-sgoil Achadh na Creige san Òban a reic.
Cruinnichidh an luchd-iomairt aig Tallaichean a' Chorrain far am bi comhairlichean a' coinneachadh gus co-dhùnadh dè bu chòir a dhèanamh leis an togalach.
Ghluais Bun-sgoil Achadh na Creige às an togalach gu làraich ùir ann an Soroba sa bhaile ann an 2007.
Tàmh
Bha an t-seann togalach, a thogadh ann an linn Bhictoria, na thàmh bhon uair sin.
Tha an t-ùghdarras ionadail air a bhith a' feuchainn ris a reic air a' mhargaidh fhosgailte ach tha buidhnean coimhearsnachd feargach agus iadsan ag iarraidh ionad cultarail a stèidheachadh ann.
Thathas a' tuigsinn gum bi comhairlichean a' beachdachadh aig a' choinneimh air an sgoil a reic ri buidhinn taigheadais.
Leagadh iadsanan togalach gus am faigheadh iad air dachaighean ùra a thogail air an làraich.